Comhaltachd Ghàidhlig LAS 2022

Air fhoillseachadh: 14 Dùbhlachd 2021 ann an Naidheachdan

Tha Urras Leabhraichean na h-Alba air buannaichean duaise na ceathramh Comahaltachd LAS ainmeachadh. Tha a’ Chomhaltachd a’ cur taic ri sgrìobhadairean stèidhichte a tha a’ tòiseachadh air pròiseact brìgheil. Am-bliadhna, tha am pannal air an ùghdar Meghan Flaherty bho Lodainn an Ear agus an sgrìobhadair Mìcheal Lee Richardson à Glaschu a thaghadh. Tha Màrtainn Mac an t-Saoir, ùghdar agus sgeulaiche à Dùn Èideann, air a thaghadh mar am buannaiche-duaise Gàidhlig aig Comhaltachd Ignite, maoinichte le Comhairle nan Leabhraichean.

Coinnich ri Màrtainn Mac an t-Saoir

Is e ùghdar, bàrd agus sgeulaiche cliùiteach a th’ ann am Màrtainn Mac an t-Saoir, a tha air a bhith ag obair tarsainn nan gnèithean sin thar fichead bliadhna; tha e air ochd pìosan obrach neo-fhicsean agus aon chruinneachadh de dhàin a sgrìobhadh. Ann an 2003, bhuannaich na sgeulachdan goirid aige ann an Gàidhlig agus Beurla, Ath-Aithne (Re-acquaintance), Duais Ciad Leabhar Comann Crann na h-Alba. Bha na nobhailean aige Gymnippers Diciadain (Wednesday Gymnippers) agus An Latha As Fhaide (The Longest Day) ann am farpais airson duaisean Leabhar na Bliadhna ann an 2005 agus 2008, fhad ’s a bha an dàrna cruinneachadh de sgeulachdan aige Cala Bendita ’s a Bheannachdan (Cala Bendita and its Blessings) air a’ gheàrr-liosta don dà chuid Duais Dhòmhnaill Meek agus Leabhar Litreachas na Bliadhna aig Crann na h-Alba ann an 2014.

 

Pròiseact Mhàrtainn:

‘Le taic Ignite, bidh mi a’ leasachadh làmh-sgrìobhainn de bhàrdachd, a chaidh a bhrosnachadh an Catalonia is sa Chuimrigh, los gum bi i cho math is a ghahas is gun ruig an cruinneachadh leughadairean ann an suas ri ceithir cànanan: Gàidhlig, Catalanais, Cuimris is Beurla.’

Thuirt Màrtainn:

‘Tha mi air mo dhòigh glan; ‘s e cothrom glè fheumail a tha sa phrogram aig an ìre seo nam dhreuchd mar bhàrd agus gu h-àraid a thaobh a’ chruinneachaidh ùir amasaich seo.’