An Naomhsgeul as Buaine

Sandaidh NicDhòmhnaill Jones

£10.00

gd

‘An Naomhsgeul as Buaine – Sgàthan Cinne-Daonna is Aiteal Dhè’,

ISBN: 9781399906166 Seòrsa:

ISBN: 9781399906166

Foillsichear: Sallan

Ceann-latha foillseachaidh: 17 Samhain 2021

Ri fhaighinn

Fiosrachadh

Sallan, 2021. 70 duilleag. Còmhdach bog

’S toradh coimisein tarraingeach agus cudromach a th’ anns an leabhar ‘An Naomhsgeul as Buaine – Sgàthan Cinne-Daonna is Aiteal Dhè’, a sgrìobh Sandaidh NicDhòmhnaill Jones ann an 2021.  Fhuair ise coimisean bho Acadamaidh Rìoghail na h-Èireann aig toiseach na bliadhna seo, airson sreath mòr bàrdachd a chomharraicheas 1,500 bliadhna o rugadh Calum Cille.  ‘S e sreath de 17 ‘Cantos’ a th’ ann, le caochladh farsaing de chruthan bàrdachd, stoidhlichean agus faireachdain, agus pailteas samhlaichean.  Tha a bhana-bhàrd a meòrachadh air iomadach tachartas, gnìomh agus buaidh ann am beatha an naoimh, agus iomadach taobh na dìleib aige.  Rinn Sandaidh an eadar-theangachadh gu Beurla, agus dh’fhoillsich i an leabhar tro Sallan Ltd san Dàmhair 2021.  Tha i a nis ag obair, ann an co-bhann le co-cheòladair, gus ceòl san stoidhle ‘cantus planus’ a chur air cuid de na ‘Cantos’.

Sgrìobh Máire Ní Annracháin MRIA mun leabhar seo: ‘This is a mesmeric suite of poems … exalted and transcendent.  A perfect structure, one poem for each century, with Ì -Iona – at the centre.”

Leirmheasan

Chan eil leirmheasan ann fhathast.

Show only reviews in Gàidhlig (0)

Be the first to review “An Naomhsgeul as Buaine”

Your email address will not be published. Required fields are marked *