FICSEAN AIG FICHEAD
Martin MacIntyre
22/09/2023

’S ann a’ feitheamh a tha sinn: an ceathrar againn, gum bi an luchd-obrach trang air a h-uile duine a chur nan suidhe is na caran mu dheireadh a chrìochnachadh: solais, fuaim, conaltradh riatanach. Tha doras an teanta mhòir a-nist dùinte dhan t-sluagh.
An uair sin an comharra gu coiseachd. Agus ’s e sin a nì sinn, air feasgar Didòmhnaich 24 An Lùnastal 2003, a-staigh is suas air àrd-ùrlar Fèis Leabhraichean Eadar-nàiseanta Dhùn Èideann – EIBF (Edinburgh International Book Festival).
A’ chiad uair riamh dhomhsa: mo chiad leabhar – Ath-Aithne – gu pròiseil nam chròig fhallasaich. A’ chiad leabhar-ficsein ann an sreath litreachais nuaidh – Ùr-Sgeul bhon fhoillsichear, CLÀR.
Tha mo thriùir chompanach cus nas eòlaiche air àrdain – am fear sa nam measg – na mise. Bidh Aonghas Pàdraig Caimbeul, a’ leughadh às an nobhail ùir a thèid fhoillseachadh san Dàmhair air an aon bhliadhna, An Oidhche Mus Do Sheòl Sinn: ‘epic’ Ghàidhlig mar a thugadh oirre an oidhche sin fhèin no goirid às a dèidh. ’S ann ealanta, domhainn, a tha i is aithnichidh Aonghas Dubh MacNeacail agus Anna Latharna Nic ’ill Ìosa sin is iad ag èisteachd – mar a tha sinn uile – ri h-ùghdar a’ leughadh aiste ’son na ciad uair.
Aithnichidh is aidichdidh Aonghas Dubh cuideachd gu bheil rudeigin fìor ùr, fìor innleachdach, an impis atharrachadh mòr a thoirt air litreachas na h-Alba, is mar bhàrd cliùiteach a tha air a bhith air feadh an t-saoghail a’ taisbeanadh a chuid obrach: tha esan moiteil a bhith ann aig tùs raoin eile – ficsean.
’S ann a tha mise moiteil – bheil an t-seacaid ùr gheal ga bhrath? – a bhith an cuideachd nan daoine comasach seo – stèidhte nan diofar dhreuchdan – ach le faclan na Gàidhlig is a litreachas aig a’ chridhe – is gur e Aonghas Dubh a dh’aontaich mo sgeòil ghoirid – ochd-deug dhiubh – a leughadh is ro-ràdh brosnachail fialaidh a thoirt dhan leabhar; beannachd cho làidir a thoirt dhan sgeama ùr seo – Ùr-Sgeul.
Ficsean? ’S e! Sa Ghàidhlig? ’S ann! Ga fhoillseachadh aig Fèis Leabhraichean Eadar-nàiseanta Dhùn Èideann? Tha thu a’ tarraing asam! ’S mi nach eil. An tig duine? Thig! Tha àite gu leòr ann do 120.
Agus thàinig, tha an t-àite làn. A-mach air a bheul buileach a bhiodh e mura b’ e riaghailtean teanna EIBF. Chaidh truaghan no dhà, le tiogaidean, a thionndadh air falbh, leis gun do nochd iad còig mionaidean fadalach. Chan ionnan is a bhith a’ buachailleachd dithis no triùir far nan sràidean ach am bi àireamh nan daoine a bhios a’ frithealadh rud nas àirde na th’ ann dhen luchd-obrach a dh’fheumas a bhith ann.
Cuiridh an seinneadair, sgrìobhadair is sgoilear-ciùil ainmeil, Anna Latharna Nic ’ill Ìosa fàilte bhlàth chridheil air an t-sluagh mhòr sin is mìnichidh i dhaibh na bhios fa-near dhuinn – structar na cuirme, mar gum b’ eadh. Tha sin feumail. Tha cuid dhe na thàinig nach eil cho eòlach air nàdar is ruith a’ ghnothaich. Seo a’ chiad uair dhaibhsan cuideachd – pàirt dhen teaghlach agam fhìn nan lùib. Tha mi glè thoilichte gu bheil iad sin nan suidhe am measg chàich le cridhe is inntinn fhosgailte. Ach ’s e seo a’ chiad uair choileanta riamh do dh’fhicsean Gàidhlig cuideachd! Cha d’ fhuair Deireadh an Fhoghair ainmeil le Tormod Caimbeul an gaoth a leithid no An Aghaidh Choimheach phrìseil aig Iain Moireach. An do leugh Iain Mac a’ Ghobhainn ficsean Gàidhlig a-riamh aig EIBF? Chan urrainn dhomh ràdh le cinnt, ach ma leugh, chuirinn geall nach do leugh e sgeul Ghàidhlig, sa Ghàidhlig a-mhàin, à leabhar ùr ficsein. Nach math, nach mìorbhailteach, gun deach mu dheireadh thall na 116 aige fhoillseachadh na bu thràithe am-bliadhna seo le Comann Litreachas Gàidhlig na h-Alba. Bu mhòr am beud, ge-tà, nach do leugh e fhèin, Tormod no Alasdair a’ Bhocsair, Finlay J no Criosaidh Dick an cuid ficsein susbaintich ro 2003 aig an fhèis as cudromaiche san dùthaich. Nach àraid an dèidh an toiseach-tòiseachaidh sàr-mhath Ùr-Sgeul agus na lean fad grunn bhliadhnachan a-steach don ath dheichead, nach deach ficsean a leughadh aig an fhèis oifigeil seo bho chionn ghoirid is nach tèid as t-fhoghar seo a bharrachd agus an leasachadh air clach-mhìle an fhichead bliadhna a ruighinn!
Tha seo uile a’ sealltainn dè? No, a’ dearbhadh dè? Nach eil an latha màireach uair sam bith air a ghealltainn do litreachas na Gàidhlig a dh’aindeoin gach adhartais, a dh’aindeoin gheallaidhean is airgid. Gu h-àraid ’s dòcha litreachas na Gàidhlig gun Bheurla na chois. Feumar daonnan a bhith a’ stri is a’ putadh is a’ cumail orra – innleachdan ùra a lorg ’son ’s gun gabhar ris an sgeul cheudna: ’s d’fhiach an sgrìobhadh seo ged nach tuigeadh sibhse e. An tuig sibh litreachas na Frainge is na Spàinne mar a chaidh a chruthachadh?
Thig stiùirichean is falbhaidh stiùirichean is luchd-prògram fhèisean agus gach turas a thachras sin – a dh’aindeoin saoghal a tha sìor chur às a chorp mu ion-ghabhaltas – tha feum air argamaid làidir eile airson oisean beag litreachas na Gàidhlig a dhèanamh cudromach dhan fheadhainn chudromach, tarraingeach do luchd-èisteachd fharsaing agus brìoghmhor cuideachd dhan bheagan Ghàidheal a thuilleadh air gach neach eile a dh’fhaodadh feuchainn ga ionnsaigh.
Agus thachair sin ann an 2003. Bha Catherine Lockerbie, a bha os cionn EIBF, ro dheònach leithid a thachartas a bhith mar phàirt dhe na ficheadan eile fo a stiùir. Ach neo ’r thaing nach deach a deagh chomhairleachadh (oideachadh?) le fear modhail, amasach, daingeann, treun na sgeama, John Storey aig CnanL! B’ esan a thug seo gu bith is a ruith leis is a bhrosnaich sgrìobhadairean is luchd-deasachaidh, a fhuair taic-airgid bho Chomhairle Ealain na h-Alba, is a rinn cinnteach nach deach dad – aon mhìr de ghnìomh – fhàgail às no fhàgail aig sealbh no tuairmse; cò b’ urrainn a dhiùltadh? Cha bu Chatherine tè dhiubh.
‘Cuin a thòisich thu a’ sgrìobhadh ficsean?’ thèid fhaighneachd dhìom – ga mo shadail air ais aona bliadhn’ deug, seadh gu 1992, ann an seòmar nan compiùtair, Sabhal Mòr Ostaig. ’S ann a’ deanamh oidhirp ghoirt a tha mi a’ chiad sgeul bho dh’fhàg mi an sgoil a dhraghadh asam. Carson? Toil? ’S e toil – cha dèan thu a leithid an aghaidh do thoile. Ach tha adhbhar ann cuideachd. Tha Comhairle Rois is Chrombaidh air farpais ùr sgrìobhaidh, mar chuimhneachan air Uilleam Ros, ainmeachadh. Faodar pìosan de ghnè sam bith a chur thuca. Sgeulachd a tha fa-near dhomhsa. Tha an ceann-latha dlùth – nas dlùithe buileach ma tha mi a’ dol a thaidhpeadh seo leam fhìn, ga chlò-bhualadh an riochd meadhanach dòigheil is ga chur sa phost na uair. An dèan mi an gnothach? Rinn! Agus air an fharpais. Thug moladh Iain Mhic a’ Ghobhainn, Ruairidh MhicThòmais is Thormoid Mhic Ghill Eathain misneachd mhòr dhomh. Carson nach fheuchainn tuilleadh? Dh’fheuch; thug e ùine eadar Uibhist, Dùn Èideann, New Zealand, Nicaragua is Glaschu. Thug e aon bliadhn’ deug, mun robh an leabhar àlainn seo air an do rinn Raghnaid Craig is James Hutcheson dealbhadaireachd fìor shnasail, ùr-nodha is Iain Dòmhnallach deasachadh cho siùbhlach, eagnaidh is a dh’iarradh tu.
An t-Àite as Bòidhche Fo Na Neòil ainm na sgeòil, a’ chiad tè a shìn boillsge dhan chruinneachadh, ged nach do leugh mi aiste air a’ chuirm. ‘S dòcha nach do shaoil mi am bodach bochd Sgitheanach eadar-nàiseanta gu leòr ’son EIBF 03, ach tha mi fhathast moiteil aiste is gu bheil oileanaich UHI ga sgrùdadh gach bliadhna air grunn chùrsaichean – ge b’ e dè am barail oirre is air fhèin – Eachann no Hec – san t-saoghal àraid innealach a th’ ann.
Ceist eile a thèid a chur on t-sluagh faisg air an deireadh – ‘s e ‘Cò dha a tha sibh a’ sgrìobhadh?’
‘Do dhuine sam bith le Gàidhlig as toil leis a bhith a’ leughadh,’ mo fhreagairt dhòchasach, car naïve, math dh’fhaoidte? Ach bha mi a’ creidsinn sin is tha fhathast gu ire. ‘S cinnteach nam biodh na leabhraichean tarraingeach gu leòr: nan coltas; brìgh; siùbhlachd; sgeòil, caractaran etc, nach biodh dol-às aig leughadairean dealasach ach a dhol an sàs annta. Is rinn deagh thòrr sin; ach tha barrachd ann nach do rinn – fiù ‘s an fheadhainn a bha deònach na h-artefacts bhrèagha a cheannach.

Ann an 2008 agus mi air an treas nobhail – An Latha As Fhaide – a chur air bhog aig EIBF is mi direach an dèidh earrann a leughadh mun phrìomh charactar, Niall MacLeòid, a’ gabhail ealla ri a bhean a’ dannsadh ann an club-oidhche an Lunnainn, dh’fhaighneachd cuideigin dhìom, ‘An ann a-mhàin do dh’academics a tha ur cuid leabhraichean Ùr-Sgeul?’
‘Eh…chan ann!’ mo fhreagairt onarach. An e gun do leugh mi am pìos cho dona sin, smaoinich mi a-rithist? Ach an dèidh fichead bliadhna, tuigidh mi nach ann mun fhicsean a chuir an duine a’ cheist ach mu na litrichean air an duilleig a bha a’ diùltadh, na bharail-san, a dhol nam faclan is seantansan is paragrafan dhan mhòr-chuid a ghiùlaineadh ciall is co-fhaireachadh na naidheachd – ged a thuigeadh iad gu glan iad nam b’ ann air an labhairt air rèidio – samhail Radio nan Gàidheal – a rachadh an cur nan sealbh.
Nach innseadh ioma neach a tha air a chur gu dùbhlan, an diofar dhòighean, le obair leughaidh a cheart rud dhuinn: cho doirbh is a tha e dhaibh a bhith a’ leughadh stuth ann an cruth àbhaisteach far na duilleig àbhaistich?
Bidh fhios aig gu leòr air an deuchainn ud sa Bheurla. Tha trì paragrafan ann – is chan fhaigh thu ach a’ chiad litir is an tè mu dheireadh de gach facal san òrdugh cheart, oir tha an fheadhainn eatarra troimhe-cheile? Nì àireamh mhath (ach nas lugha na 50%) an gnothach air an rud air fad a leughadh ged a bheireadh iad greis fàs cleachdte ris. Rinn mi fhìn a’ chùis air an t-seachdain sa chaidh, ach gu dearbha cha chuirinn crìoch air trì duilleagan sgrìobhte mar sin gun luaidh air caibideil shlàn. Leugh mi an dà chuid Duck Feet le Ely Percy is The Tongue She Speaks le Emma Grae – leabhraichean a nochd o chionn ghoirid an Albais ar latha fhìn – o cheann gu ceann, is chòrd iad rium, ach tha fhios ’am cuideachd nach fhuilingeadh gu leòr a’ chainnt seo – mar a tha i air a riochdachadh air pàipear – fior aotrom is gu bheil i, an taca ri leithid MhicDhiarmaid. Ach a-rithist nan cluinneadh iad i ga leughadh le sgil is faireachdainn, dh’fhaodadh iad am breacaist ithe le sùil gheur air an social-media, agus a h-uile mac facail a thuigsinn is brìgh na sgeòil a thoirt leotha.
Is cinnteach ge-tà gu bheil na h-aon cheistean oirrn uile a bhodraig ri peann a thogail no laptop fhosgladh ’son rosg Gàidhlig a chruthachadh. Ach cò, gu fìrinneach, a leughas seo? (a bharrachd air academics – ha!) is dè bheireadh beagan cheudan dhiubh gun tuisleadh gu deireadh gach leabhair?
Leabhraichean-èisteachd daonnan an cois gach fir – ged a b’ ann an cruth didseatach a-mhàin? Earrannan nas fhaide is còmhradh nas doimhne mun deidhinn air Radio nan Gàidheal (agus Radio Scotland!)? Rinn Mark Wringe is a sgioba na b’ urrainn air Leugh An Leabhar (nach sinne a tha ga ionndrainn!) ach ‘s e glè glè bheag dhen rosg fhèin a chualas riamh ann am fichead bliadhna. Leabhar Aig Àm-Laighe? Mar a tha air a bhith aig Radio 4 gun bhristeadh bho 1962? No chance. Nobhailean nas giorra? Sgeulachdan nas fhasa? Glosaraidhean am pailteas?
Agus dè mu deidhinn fhèin: a’ Bheurla? Mar a chaidh fhaighneachd an oidhche sin fhèin is aig a h-uile cuirm eile cha mhòr on uair sin. An t-eadar-theangachadh? Càite? Cuin?
Am bu chòir dhi a bhith ann idir? Ann an leabhar gu tur ùr aig ceann uiread seo a bhliadhnachan – 3 no 2? San aon leabhar ach bun os cionn on chùl mar a bh’ aig Ailig O’Henley na leabhar iongantach (neo-fhicsean) air Calum Dòmhnallach a chluich do Celtic is Cille Mhèarnaig? No air gach dàrnacha duilleig mar a thagh a’ mhòr-chuid de na nuadh-bhàird bho nochd obair Shomhairle MhicGill’Eathain ann am Four Points of a Saltire ann an 1970 – an dearbh riochd a roghnaich Donnchadh Mac ’Ill Ìosa is Acair an-uiridh gus luchd-leughaidh nas leatha a thàladh chun nan sgeulachdan eireachdail aige. ‘S e Crann-Fìge a thog Duais Leabhar na Gàidhealtachd am-bliadhna; rud air an robh Donnchadh ro airidh o chionn bhliadhnachan.
Ceistean mòra. Ach ceistean cudromach, tha mise a’ smaointinn, ma thathar a’ dol a bhrosnachadh is cumail taic thar an fhichead bliadhna ri thighinn, ri sgaoilteach mhath sgrìobhadairean gus leithid nobhailean de mhìodachd a chruthachadh. Bidh beachdan eile, is cinnteach, aig càch.
San dol seachad, is gann a rachadh na Cuimrich an còir na Beurla san t-suidheachadh seo. Thathar ag amas air na labhras a’ chànan a dhùblachadh gu millean duine mun bhliadhna 2050 is mar a thug mi fhìn an aire (is a chuir mi am bàrdachd), tha gach clach-uaghach sa chladh an Lllan Ffestiniog sgrìobhte sa Chuimris agus ‘s ann sa chànain sin cuideachd a chuireas gu leòr dhen òigridh an cuid txts gu chèile gu nàdarra.
’S ann goirid dhan taigh a thòisich mi an aiste seo, ach thug mi orm fhìn falbh is tighinn a-staigh dhan bhaile ’son crìoch a chur oirre. Tha mi ann an cafaidh far Cheàrnag Charlotte fhèin. Tha a’ phàirc ainmeil a’ coimhead caran beag is aonranach an-diugh eadar dòmhlas nan craobhan san dìle agus ìomhaigh a’ Phrionnsa Albert – consort na Banrighinn Bhictòria – air muin eich, a tha fada nas nochdte is smachdaile na dh’fhidir mi riamh reimhid i.
Ach ‘s ann air ais am feasgar Lùnastail ghrianaich an 2003 a tha mise a-rithist is mo shùilean a’ coimhead air adhart is timcheall, chan ann suas gu mòralachd fhuadain. Tha fàileadh teth an fheòir nam chuinnleanan, tha mo chridhe a’ plosgartaich is gun sannt idir agam air reòiteag. Thèid dealbhan a tharraing dhen cheathrar againn le camara math. Chì mi Iain Dòmhnallach, Stiùiriche Chomhairle nan Leabhraichean, a’ toirt agallamh Tbh do dh’Iain Fionnlagh MacLeòid. Nochdaidh an naidheachd mhòr: ‘chaidh ficsean ùr a chur air bhog aig EIBF 03’ air an t-seirbheis naidheachd telebhisean Gàidhlig a-màireach. Bidh nobhail ùr aig Iain F. fhèin ann a sheo an ceann dà bhliadhna – sgàth ‘s a’ bhrosnachaidh is na misneachd. Agus thèid faisg air dà fhichead de leabhraichean ficsein fhoillseachadh tro Ùr-Sgeul is Aiteal – an sreath a leanas e – is Ficsean Luath (Luath Press) a th’ againn a-nist, a thuilleadh air grunn math eile a chuireas na foillsichearan CLÀR agus Acair a-mach nach buin do sgeama shònraichte. Bho sgrìobhadairean ùra is stèidhte fireann is boireann. Nach mòr an t-saothair, nach luachmhor an dìleab! Agus tha tuilleadh dhiubh air fàire!
Ach mun tig an oidhche shònraichte shona seo gu crìch an 2003 (agus i a’ dorchnachadh gu luath ach fhathast gu math blàth), is sinn a’ cur ainmean ri leabhraichean dhan loidhne fhada dhaoine romhainn, nochdaidh Catherine Lockerbie le pinnt leanna na làimh. ‘Cha do shaoil mi’ ars ise, ‘nach còrdadh seo riut a Mhàrtainn.’ Is bha i ceart!
Beò an dòchas gun òl mi a deoch-slàinte aig EIBF 24 nuair a bhios ficsean ùr Gàidhlig @ 21 ga fhèilleachadh, agus e a-nist ‘s cinnteach, air inbhe na h-aoise a chosnadh; ged nach b’ ann gun strì is creideas làidir a chaidh iuchair dhàna an dorais ud a shnaigheadh is a chumadh.
Màrtainn Mac an t-Saoir
X https://twitter.com/martinmacintyr8
Na còraichean @ Màrtainn Mac an t-Saoir/Martin MacIntyre, 2023
