CELEBRATING TWENTY YEARS OF GAELIC FICTION

A new era began in 2003 with the emergence of Ùr-Sgeul, the pioneering Gaelic fiction initiative.

Below, read articles by Maureen MacLeod, Alasdair H. Caimbeul, Martin MacIntyre, Alison Lang and others.

Ùr-Sgeul was developed by the Gaelic Books Council, in association with CLÀR. On these pages, we celebrate twenty years of new Gaelic fiction.

Ùr-Sgeul – Alasdair H. Caimbeul

02/11/2023

Am fear naidheachd Alasdair H. Caimbeul

Tha am fear-naidheachd, eòlaiche cànain agus neach eadar-theangachaidh Alasdair H. Caimbeul a’ tòirt sùil air buaidh Ùr-Sgeul. Ciamar a chaidh gnothaichean a leasachadh, agus a bheil leasain ann?

ÙR-SGEUL AGUS FICSEAN AN 21MH LINN

Chaidh a’ chiad leabhar san t-sreath Ùr-Sgeul, Ath-Aithne le Màrtainn Mac an t-Saoir, fhoillseachadh le CLÀR ann an 2003, agus chaidh am fear mu dheireadh, Màiri Dhall agus Sgeulachdan Eile le Donnchadh MacGillIosa, fhoillseachadh ann an 2013.

Bho thòisich e tha Ùr-Sgeul air roghainn fharsaing agus ùidheil de nobhailean ’s de sgeulachdan goirid a thoirt dhuinn bho ùghdaran aithnichte agus ùra. Tro dhiofar stoidhlichean ’s ghuthan agus beartas bhriathran ’s cainnte, a bha uairean lom ’s aig amannan eile riochdail, tha na leabhraichean seo air ùr-ealain a thoirt dhuinn ann an rosg Gàidhlig.

‘S e John Storey bho Chomhairle nan Leabhraichean a bha gu mòr an sàs ann a bhith stèidheachadh Ùr-Sgeul. Dè bha air cùl a’ chiad smuain a bh’ aige ann an 2002 nuair a sgrìobh e gu Comhairle nan Ealain [An Scottish Arts Council: Alba Chruthachail a-nis] mu bhith stèidheachadh sreath de leabhraichean rosg Gàidhlig? “Bha beàrn ann a thaobh rosg Gàidhlig ùr – gu h-àraid ficsean,” mhìnich e. “Bha Comhairle nan Leabhraichean air son a’ bheàrn a lìonadh. Air son diofar adhbharan, cha robh ficsean Gàidhlig a’ faighinn fìor chothrom san 20mh linn, ged a bha sgrìobhadh sònraichte ann. Bha na bàird – Somhairle agus eile – a’ faighinn cliù, ’s iad a bha airidh air, ach bha e iomchaidh rud beag a bharrachd oidhirp a dhèanamh a thaobh rosg.”

Gu fortanach bha dithis aig Comhairle nan Ealain a bha air leth taiceil dhan bheachd aig John: Gavin Wallace nach maireann agus Jenny Brown. Thug iad sin an taic a bha dhìth. Ach an robh Comhairle nan Leabhraichean an dùil gum biodh Ùr-Sgeul cho soirbheachail ’s a tha e air a bhith? Fhreagair John: “Tha an urra ri daoin’ eile co-dhùnadh a dhèanamh an robh e soirbheachail! Tha mi creidsinn gu robh toradh beag air choreigin ann.”

Ged a tha John fhèin ro iriosal air son cus a ràdh, tha gu leòr eile den bheachd gu bheil Ùr-Sgeul air a bhith air leth soirbheachail. Mar eisimpleir, san leabhar aige An Introduction to Gaelic Fiction tha an t-Oll. Moray Watson ag ràdh: “The Ùr-Sgeul project has meant changes of seismic proportions . . . the productivity of the last six years comes close to matching that of the preceding century . . . Ùr-Sgeul has been responsible for the biggest single publishing initiative ever seen in Gaelic fiction.”

Dè bhuaidh a tha air a bhith aig Ùr-Sgeul air sgrìobhadh Gàidhlig? Tha John Storey a bha gu mòr an-sàs ann ag ràdh:

“Rinn e grunn rudan, tha mi ’n dòchas. Thug e misneachd, tro chruinnichidhean de sgeulachdan goirid, do sgrìobhadairean ùra, leithid Maureen NicLeòid, Alison Lang, Màiri E. NicLeòid agus Tim Armstrong. Thug e cothrom foillseachaidh do sgrìobhadairean stèidhichte. Bha fios againn gu robh sgrìobhadairean ficsean sònraichte againn ann an Gàidhlig – ach math dh’fhaoidte nach robh uiread chothroman ann dhaibh. Bha feadhainn aca air dòchas a chall.

“Dhearbh Ùr-Sgeul gu robh e comasach do na Gàidhil a bhith dèanamh leabhraichean aig àrd-ìre, a-cheart cho pròfeiseanta ri leabhraichean sam bith ann am Beurla. Bhrosnaich e an nobhail Ghàidhlig. Ged a bha nobhailean Gàidhlig air nochdadh anns an 20mh linn, cha robh cus ann.”

Tha Ùr-Sgeul cuideachd air sgrìobhadh Gàidhlig a chur fa chomhair an t-sluaigh ann an Alba tro innleachdan margaidheachd a bha lèirsinneach agus cruthachail. ’S tha na leabhraichean air cliù agus duaisean a chosnadh aig ire nàiseanta ’s iad a’ faighinn aithne ann an duaisean mar an fheadhainn aig Comann Bratach na Croise. Tha iad fiùs air ceanglaichean a bhrosnachadh eadar Alba ’s dùthchannan eile mar a’ Ghearmailt agus Èirinn. Agus gu dearbh tha feadhainn de na leabhraichean air a bhith ’nan tobraichean domhainn anns am faighear dualchainntean, gnàthasan-cainnte sònraichte agus faclan prìseil a tha a-nis glèidhte ann an clò.

Dè am beachd a bh’ aig an luchd-leughaidh fhèin air na leabhraichean? Tha John ag innse dhuinn: “Fhuair sinn dearbhadh gu bheil leughadairean Gàidhlig coltach ri luchd-leughaidh ann an cànan sam bith – còrdaidh aon leabhar riutha gu mòr; bidh gràin aca air feadhainn eile! Tha sin fallain.”

‘S e call mòr a bhiodh ann mura togar air an ealain ùir a tha air nochdadh ri linn Ùr-Sgeul. Tha John agus gu leòr eile an dòchas gum faic sinn barrachd agus barrachd ficsean Gàidhlig, de gach seòrsa agus stoidhle.

Alasdair H. Caimbeul, 2023

Nochd riochd goirid dhe na seo ann an CLÀR: 25 bliadhna 1996-2021, foillsichte le CLÀR ann an 2021.  Tha seo stèidhichte air alt a rinn Alasdair H. Caimbeul sa phàipear-naidheachd nàiseanta an t-Albannach ann an 2013 agus tha sinn taingeil airson cead a chleachdadh.

Ùr-Sgeul

MORE ON ÙR-SGEUL

DISCOVER MORE BOOKS

Ùr-Sgeul