Brosnachadh tro Ùr-Sgeul
24/01/2024
Maureen NicLeòid 
G’e bìth dè tha thu a’ feuchainn ri dhèanamh na do bheatha, tha brosnachadh a dhith agus dhomhsa, ’s e brosnachadh mòr a bh’ ann an Ùr-Sgeul. Anns a’ bhliadhna dà mhìle sa deich, bha mi ag obair, gu slaodach, air a’ chiad leabhar agam, A’ Toirt Mo Chasan Leam, mu turas a ghabh mi timcheall an t-saoghail bho meadhan 2007 gu meadhan 2008.
Nuair a chaidh iarraidh orm sgeulachd goirid a sgrìobhadh airson nochdadh anns an leabhar, SAORSA (b’e am facal saorsa an ceangal a bhitheadh eadar gach sgeulachd a nochdadh sa leabhar ach a bharrachd air an sin, bha e an urra ri gach ùghdar cò mu dheidhinn a bhitheadh i) bha mi ann an dà bheachd mu dheidhinn. Cha robh mi cinnteach am b’urrainn dhomh ficsean a’ sgrìobhadh. Ciamar a thòisichinn, dè thachradh sa mheadhan agus ciamar a chrìochnaichinn an sgeulachd seo?! Ach, tha mi gu mòr den bheachd gum bu chòir dhut cothroman a ghabhail nuair a nochdas iad agus le sin, cho-dhùn mi feuchainn air.
’S ann chun an turas a ghabh mi timcheall an t-saoghail a thionndaidh mi airson beachd mu chuspair airson na sgeoil. Choinnich agus chunnaic mi iomadach neach inntinneach fhad ‘s a bha mi air falbh. Bha aon dhiubh sin ann an San Francisco. Cha b’e fear a bh’ ann air an do chuir mi èolas ach thug e buaidh mhòr orm.
A’ coiseachd ann an San Francisco, chan fhaighinn seachad air an liuthad neach a bha gun dachaidh agus an liuthad neach a bha an eisimeil deoch làidir neo drugaichean neo a bha, gu soilleir, le trioblaidean slàint’-inntinn. Bha moran beò air sràidean a’ bhaile, a’ feuchainn ri faighinn tro gach lath’ agus a’ feuchainn ri airgead fhaighinn bho daoine a bha dol seachad.
B’ e aon de na rudan a chuir ioghnadh is truas orm gu robh uidhir de dhaoine a’ dol seachad orra mar nach robh iad idir ann. Dh’fheumadh iad aire dhaoine a ghlacadh ann an doigh air choiriegin airson teansa airgead fhaighinn bhuapa. Sin direach a rinn fear aig an robh soidhne ag ràdh – Family kidnapped by ninjas – money needed for karate lessons.
Chleachd mi beachd na soidhnichean airson an sgeulachd agam ach b’ ann an sin a chriochnaich an samhla eadar fear San Francisco agus na sgrìobh mise.
Sin an rud sgoinneil mu ficsean – faodaidh tu do sgeulachd a thoirt taobh sam bith a thogras tu agus a-measg na prìomh rudan a dh’ionnsaich mi bho bhith a sgrìobhadh “Dh’fhalbh sin agus thainig seo”, b’e gu robh e comasach dhomh feuchainn air ficsean agus gu robh e a cordadh rium.
Nuair a fhuair mi an leabhar na mo làmhan, ’s e lath’ mòr a bh’ann dhomhsa. A’ chiad turas a chaidh mo chuid-sgriobhaidh fhoillseachadh, an cois dusan sgeulachd bho sgrìobhadairean eile, a h-uile gin de na h-ùghdairean a cuir an tionndaidh fhèin air sgeulachd ceangailte ann an dòigh air choireigin ris am facal saorsa.

A thuilleadh air an sin, bha mise a-nis nam phàirt bheag de dh’Ùr-Sgeul. Bha mi fhein air iomadach de na leabhraichean a thàinig fo sgiath Ùr-Sgeul a leughadh tro na bliadhnaichean. Tha cuimhn’ agam fhathast a bhith a’ leughadh Dìleas Donn le Norma NicLeòid, mi air mo bheò-ghlacadh le na caractaran agus an sgrìobhadh. Tha An Oidhche Mus Do Sheòl Sinn le Aonghas Pàdraig Caimbeul direach iongantach agus bho tiotal a leabhar chun fhacail mu dheireadh, chord Cainnt na Caileige Caillte le Alison Lang rium gu mòr. Tha na stoidhlean, na cuspairean agus am beartas a th’ ann an leabhraichean Ùr-Sgeul a’ ciallachadh gu bheil rudeigin ann dhan a h-uile duine.
’S ann à Dail bho Dheas ann an Nis a tha mise agus ag èiridh suas agus tro m’ bheatha, tha mi air a bhith mothachail air na sgrìobhadairean iongantach a tha san nabachd agam fhìn agus cha bheag an taic a fhuair mi bho Tormod Caimbeul nach maireann, neo Tormod a’ Bhocsair mar as fheàrr a dh’aithnichear e, nuair a thòisich mi fhin a’ sgrìobhadh. Agus, feumaidh mi aideachadh gur e rud sònraichte dha-riribh a bh’ ann agus a th’ ann dhomsa a bhith an cois Tormod Caimbeul, Alasdair Caimbeul agus Catriona Lexy Chaimbeul mar sgrìobhadairean Ùr-Sgeul a bhuineas do Dhail bho Dheas.

Chan e a-mhàin gun d’thug Ùr-Sgeul brosnachadh dhomh, thug e cuideachd cothrom agus misneachd dhomh. Chaidh mi an uairsin air ais gu bhith a’ sgrìobhadh an leabhar-siubhail agam le spionnadh ùr agus mi cinnteach gu feuchainn air sgrìobhadh ficsean eile uaireigin.
Maureen NicLeòid, 2024
