ÙR-SGEUL – NA GUTHAN ÙRA
Alison Lang
25/09/2023

Thòisich Ùr-Sgeul gu làidir. A’ leantainn air a’ chur-air-bhog eachdraidheil aig Fèis Leabhraichean Dhùn Èideann, bhuannaich a’ chiad leabhar, Ath-Aithne agus Sgeulachdan Eile le Màrtainn Mac an t-Saoir, duais Ciad Leabhar na Bliadhna aig Duaisean Comann Bratach na Croise ann an 2003, agus goirid às dèidh sin chaidh an dàrna leabhar, An Oidhche Mus Do Sheòl Sinn le Aonghas Pàdraig Caimbeul, ainmeachadh taobh a-staigh nam Prìomh Deich Leabhraichean as Fheàrr ann an Alba (2004) san iris The List.
Bha e follaiseach gun robh an leth-dhusan tiotal a chaidh fhoillseachadh ro dheireadh 2005 a’ còrdadh gu mòr ri leughadairean agus gun robh iad ag iarraidh barrachd den rosg ùr seo. Ach bha ceist aig cuid: càit an robh na boireannaich? Cha robh adhbhar a bhith a’ gabhail dragh, ge-tà, oir bha leabhraichean le Norma NicLeòid, Éilís Ní Dhuibhne (eadar-theangaichte bhon Ghaeilge le Beathag Mhoireasdan) agus Màiri Anna NicDhòmhnaill air an t-slighe.
A dh’aindeoin sin, bhathas a’ faicinn gun robh cothrom ann an cearcall de sgrìobhadairean Gàidhlig a leudachadh, agus gum biodh cruinneachadh de sgeulachdan goirid na inneal èifeachdach airson tàlant ùr a thaisbeanadh ri taobh obair ùghdaran nas stèidhichte.
B’ e “teicneòlas” an cuspair a thagh John Storey airson na sgrìobhadairean a bhrosnachadh an toiseach, agus chleachd iad am beachd-smuain seo ann an iomadach dòigh inntinneach, ach b’ e an sgeul a rinn Maoilios Caimbeul a thug tiotal don chruinneachadh, An Claigeann aig Damien Hirst, a chaidh fhoillseachadh mar trì iom-leabhraichean tana, agus cuideachd mar chruinneachadh slàn le còmhdach cruaidh, ann an 2009.
Bha feadhainn de na sgrìobhadairean air bàrdachd, dràma, naidheachdas no leabhraichean cloinne a sgrìobhadh mar-thà, agus bha feadhainn air pìosan fhoillseachadh ann an Gath no irisean eile, ach b’ e seo a’ chiad chothrom a fhuair Màiri E. NicLeòid, Mona Claudia Wagner, Steafan MacRisnidh agus sgrìobhadairean òga eile a bhith a’ faicinn an cuid ficsein foillsichte ann an cruth leabhar. Airson cuid aca, b’ e seo a’ chiad cheum ann an dreuchd leantainneachd, agus anns na bliadhnaichean às dèidh sin bhiodh nobhailean a’ nochdadh bho Chairistìona Stone, Alison Lang agus Mìcheal Klevenhaus, agus bhiodh Mìcheal cuideachd a’ foillseachadh tionndadh Gearmailtis de taghadh bhon chruinneachadh, fon tiotal Der Schädel von Damien Hirst.
Cha b’ ann a-mhàin gun robh cothrom ann do sgrìobhadairean ùra le An Claigeann aig Damien Hirst, ach gun robh e na àrd-ùrlar airson diofar ghnèithean-litreachais nach robh cumanta ann an Gàidhlig. Thug an sgeulachd aig Iain MacIlleathain, “An Keppler”, blasad dhuinn air ficsean saidheansail, agus chìtheadh barrachd de a leithid anns an ath-chruinneachadh de sgeulachdan goirid bho Ùr-Sgeul, SAORSA, a thàinig a-mach ann an 2011, san sgeulachd “Luathas Teichidh” le Tim Armstrong, a bha na bhun-stèidh airson a nobhail Air Cuan Dubh Drilseach (CLÀR, 2013).
Thug SAORSA cothrom foillseachaidh do trì sgrìobhadair deug, eadar feadhainn aig an robh sgeulachd ann an An Claigeann aig Damien Hirst – Caristìona Stone, Pàdraig MacAoidh agus Seonaidh Adams, mar eisimpleir – agus feadhainn a bha a’ sgrìobhadh airson a’ chiad turas, no a’ sgrìobhadh rosg airson a’ chiad turas, co-dhiù. Bha Meg Bateman ainmeil mar bhàrd, ach diùid mu bhith a’ sgrìobhadh ficsean, ach dh’aontaich i sgeul a sgrìobhadh airson a’ chruinneachaidh ùir.
Eadar Damien Hirst agus SAORSA, ma-tà, bha trichead ’s a ceithir sgeulachdan le fichead ’s a h-ochd sgrìobhadairean ann an clò, a’ dearbhadh nach robh tàlant no macmeanmna gann agus gun robh farsaingeachd ann am ficsean Gàidhlig a bhiodh a’ brosnachadh dhaoine eile gu sgrìobhadh, chan ann dìreach airson Ùr-Sgeul, ach airson Aiteal (Acair), Lasag (Sandstone Press), Ficsean Luath agus sreathan eile sna bliadhnaichean ri teachd.
Alison Lang, 2023
