Dàn – o Bhuta Leòdhais tro Bhonn gu Seattle
Martin MacIntyre
01/11/2023

Cò shaoileadh
gun tigeadh an tuil?
An tul-fhìrinn
cha do shaoil cus.
Ach thàinig
sa Ghàidhlig
seadh sa Ghàidhlig Ghàidhlig
briathran de rosg
feadhainn aca làn bàrdachd
ann an sgeòil is nobhailean
fear an dèidh fir
tè leantail tè
thar nam bliadhnachan
o Bhuta Leòdhais
tro Bhonn gu Seattle
Fada is goirid
tiugh is caol
àlainn is àbhaisteach nan snuadh
brìghmhor gu beagnaich sa mhòr-chuid
corra h-aon air a chaochladh.
Ach sgrìobhte le pinn làn dòchais
a’ biadhadh air sgàileanan misneachd
beag air bheag
ceum bho cheum
gu ruige ceann-uidhe
thar ùine
is an duais-smuain
mu dheireadh thall
an làimh na chruthaich i
an t-annlann, susbaint ‘s spòrs
fa chomhair luchd-leughaidh
air nach lughdaich acras
airson saoghal nuadh –
san tèid an treòrachadh
le deòin fhuranaich gach leabhair.
Màrtainn Mac an t-Saoir, 2023
Copyright @ Martin MacIntyre
Written to celebrate Ùr-Sgeul, August 2023.
