Ignite Fellowship 2024 – applications now open

Posted on 18 July 2023 in Latest News

Tha Duais LAS a’ cur taic ri sgrìobhadair stèidhichte a tha a’ tòiseachadh no ag obair air pròiseact cudromach. Faodaidh tu tagradh air a shon eadar gu bheil am pròiseact aig na h-ìrean as tràithe no a tha mar-thà na obair a’ dol air adhart.

Gheibh neachd-cosnaidh na duaise:

  • Prògram sùbailte a fhreagras air feumalachdan fa leth neach-cosnaidh na duaise.
  • Duais airgid de £2,000, a’ ceadachadh dhaibh cuimseachadh air an obair.
  • Cothroman leasachaidh pearsanta a dh’aon ghnothaich, a dh’fhaodadh a bhith a’ gabhail a-steach meantoradh bho – sgrìobhadair(ean) eile, comhairle bho phroifeiseantaich agus cothrom bruidhinn ri luchd-ealain eile.
  • Seisean sgrìobhaidh fad seachdain ann am Mon Itheig (Moniack Mhor) còmhla ri luchd-cosnaidh Duaisean nan Sgrìobhadairean Ùra.
  • Trèanadh agus taic ann am margaideachd, adhartachadh is meadhanan.

Bidh Urras Leabhraichean na h-Alba (Scottish Book Trust) ag obair gu dlùth le luchd-faighinn dhuaisean gus an cuideachadh gu com-pàirteachadh sa phrògram cho mòr ’s a ghabhas. Ma bhios feumalachdan ruigsinneachd no bacaidhean sam bith aig tagraichean a bu mhath leotha a chonaltradh ron tagradh, feuch gun cuir sibh post-d gu Urras Leabhraichean na h-Alba [email protected].

Ceann-latha: ro mheadhan-latha, Diciadain 13 an t-Sultain 2023

Tha aon chothrom sa phrògram air a ghlèidheadh gu sònraichte do sgrìobhadair ag obair ann an Gàidhlig. Chaidh Duais LAS a leasachadh ann an co-chomhairle le ar Pannal Comhairleachaidh Sgrìobhadairean agus tha i air a chur air dòigh ann an com-pàirteachas eadar Urras Leabhraichean na h-Alba agus Comhairle nan Leabhraichean.

Faodaidh tu tagradh a chur a-steach, ma tha thu:

    • Stèidhichte ann an Alba.
    • Fileanta ann an Gàidhlig
    • Nad sgrìobhadair stèidhichte, neach-dèanamh chomaigean, bàrd, sgeulaiche, dealbhadair neo dràmadair (Bu chòir do dhràmadairean a tha a’ coimhead airson taic le obair theatair, coimhead ri cothroman a tha rim faotainn aig Stiuidio Dhràmadairean Alba).
    • Coileanadh shlatan-tomhais airson Litreachas Beò (‘Live Literature’ – an sgeama aig Urras Leabhraichean na h-Alba). Chan fheum thu a bhith clàraichte air ‘Live Literature’, dìreach coileanadh nan slatan-tomhais.

Tha thu di-beathte tagradh a chur a-steach ma tha thu air taic fhaotainn bho Urras Leabhraichean na h-Alba no Comhairle nan Leabhraichean roimhe, a’ gabhail a steach Duaisean nan Sgrìobhadairean Ùra.

Chan urrainn dhut duais LAS fhaotainn ma tha thu a’ faotainn maoineachadh don phròiseact mar-thà bho Alba Chruthachail.

Tagraidhean

Ceann-ama: meadhan-latha, Diciadain 13 an t-Sultain 2023.
Cha tèid beachdachadh air tagraidhean a gheibhear às dèidh a’ chinn-ama.

Luchdaich a-nuas clàr-iarrtais airson Comhaltachd LAS.

Cuir do thagradh a-steach air post-d gu [email protected] le ‘Comhaltachd Ignite 2024: D’ ainm’ san loidhne cuspair.

Bidh feum agad air an fhiosrachadh gu h-ìosal a thoirt seachad (faodaidh tu do thagradh a shàbhaladh uair sam bith):

  • Fiosrachadh pearsanta.
  • An eachdraidh foillseachaidh agad (500 facal aig a’ char as àirde).
  • Aithris mun phròiseact agad (200 facal aig a’ char as àirde).
  • D’ adhbharan airson tagradh, le iomradh air prìomh raointean leasachaidh a dh’fhaodadh a bhith ann (500 facal aig a’ char as àirde).
  • Eisimpleir den sgrìobhadh agad. Faodaidh seo a bhith bho phìos sgrìobhaidh a tha foillsichte a-cheana, obair a tha fhathast a’ dol air adhart, no measgachadh de na dhà. Bu mhath leis a’ phannal earrann fhaicinn bhon phròiseact air a bheil thu airson obrachadh, ach tha sinn a’ tuigsinn nach bi seo comasach an-còmhnaidh agus gabhar ri sampaill eile. (Faid: 3,500 facal de rosg, mu 10 duilleagan de bhàrdachd, mu 15 duilleagan de sgriobt).
  • Ma tha an sampall agad mar earrann bho obair nas fhaide, cuir a-steach geàrr-iomradh dheth. Bu chòir do bhàird iomradh goirid a chur a-steach mun chruinneachadh a tha iad a’ moladh (500 facal aig a’ char as àirde).

Ma tha ceistean sam bith agad, cuir post-d gu [email protected].