’S e seiseanan-leughaidh Gàidhlig airson nan tràth ìrean (aois 0-8) le sgeulachdan, òrain, pupaidean agus geamannan a th’ ann an Leugh is Seinn le Linda, air an ruith le Comhairle nan Leabhraichean agus air an lìbhrigeadh le Linda NicLeòid. ‘S e prìomh amas Leugh is Seinn le Linda a bhith a’ leasachadh sgilean leughaidh Gàidhlig, agus a bhith ri spòrs!
Tha seiseanan Leugh is Seinn le Linda rim faighinn an-asgaidh sa bhùth aig Comhairle nan Leabhraichean ann am Partaig air an Disathairne mu dheireadh de gach mìos. Cùm sùil air Eventbrite agus duilleag Facebook Leugh is Seinn le Linda gus tiogaidean a ghleidheadh. Ma tha thu airson barrachd fiosrachaidh is naidheachdan mu Leugh is Seinn le Linda fhaighinn, clàraich airson na cuairt-litir.
Sgoiltean is Buidhnean
Tha seiseanan Leugh is Seinn le Linda rim faighinn airson sgoiltean, sgoiltean-àraich agus bhuidhnean eile. Tha seiseanan rim faighinn air an làthair no air-loidhne. Bidh na seiseanan air-loidhne air an dèanamh tro Microsoft Teams no air an clàradh ro-làimh.
Airson fios:
Feumar co-dhiù 2 sheisean a chlàradh.
Mairidh gach seisean 30mion, ach dh’fhaodadh iad a bhith na b’ fhaide ma tha feum ann dhaibh.
Chan fhaodar barrachd air 20 duine-cloinne anns gach seisean.
Tha gach seisean £125.
Ma tha thu airson seiseanan Leugh is Seinn le Linda a chur air dòigh airson buidheann no sgoil, cuir fios gu [email protected]
San leabhran seo lorgar cruinneachadh de na h-òrain as spòrsail bho Leugh is Seinn le Linda, seiseanan-leughaidh Gàidhlig airson nan tràth ìrean le sgeulachdan, òrain agus geamannan air an ruith le Comhairle nan Leabhraichean agus air an lìbhrigeadh le Linda NicLeòid.
*AN-DIUGH / TODAY* 11.06.2026
Bidh Linda is Muncaidh air ais air-loidhne le tuilleadh Leugh is Seinn aig
09:15-10:00 airson Clas 2 & 3
&
10:00-10:30 airson Sgoil-àraich & Clas 1
😊📚🎶
Seo an link airson clas a chlàradh - e-sgoil.com/gaidhlig/leugh-is-seinn-le-linda/ ... See MoreSee Less
0 CommentsComment on Facebook
LEUGH IS SEINN SA BHÙTH
*Disathairne / Saturday 13.06.26*
Leugh is Seinn le Linda @ The Gaelic Bookshop, 32 Mansfield Street, Partick, Glasgow 😀📚🎶
AN-ASGAIDH / FREE SESSIONS:
Session 1: 10-10.45am
Session 2: 11-11.45am
Bidh Linda agus Muncaidh a’ leughadh "Bidh Goiriola ag Ithe Bhaniola" 🐵🎶🍦📚
Please reserve a ticket(s) for your child/children via Eventbrite www.eventbrite.com/cc/leugh-is-seinn-le-linda-sa-bhuth-2222699 ... See MoreSee Less
1 CommentsComment on Facebook
*AN-DIUGH / TODAY* 04.06.2026
Bidh Linda is Muncaidh air ais air-loidhne le tuilleadh Leugh is Seinn aig
09:15-10:00 airson Clas 2 & 3
&
10:00-10:30 airson Sgoil-àraich & Clas 1
😊📚🎶
Seo an link airson clas a chlàradh - e-sgoil.com/gaidhlig/leugh-is-seinn-le-linda/ ... See MoreSee Less
0 CommentsComment on Facebook