Job opportunity at Acair Books: Co-òrdanaiche Deasachaidh Gàidhlig

Posted on 3 May 2023 in Latest News

 

Tha Acair, le taic bho Chomhairle nan Leabhraichean, a’ sireadh Co-òrdanaiche Deasachaidh Gàidhlig a ghabhas uallach airson sreath ùr de fhicsean Gàidhlig thùsail do dh’inbhich a dheasachadh.

Dreuchd ùr
Thèid an co-òrdanaiche deasachaidh an sàs ann an ullachadh leabhraichean mus tèid am foillseachadh. Tha ceithir tiotalan air an coimiseanadh don t-sreath sa chiad àite, agus thathar an dòchas barrachd fhoillseachadh. Is e nobhailean beaga a bhios an sin de suas ri 30,000 facal, ag amas air margaid L2 (Gàidhlig na h-Alba) a thuilleadh air luchd-labhairt Gàidhlig na h-Alba mar chiad chànan, as dòcha nach eil eòlach air leughadh sa Ghàidhlig, no iadsan a tha dìreach airson an sgilean leughaidh nan ciad chànan a leasachadh.

Bidh na tiotalan ann an Gàidhlig a-mhàin, agus a’ gabhail a-steach ‘siostam taic beag-fhaclair’ gus luchd-leughaidh a chuideachadh le briathrachas, gràmar agus structar sheantansan a tha gu h-àraid dùbhlanach dhaibh.

Bidh sgilean conaltraidh Gàidhlig sàr-mhath aig an tagraiche shoirbheachail agus eòlas ann an deasachadh leabhraichean Gàidhlig.

Cinn-uidhe na dreuchd

  • Cumail ceangal ri agus a’ toirt taic do dh’ùghdaran gus ficsean Gàidhlig thùsail a thoirt gu buil.
  • Gach taobh de dheasachadh is dearbh-leughadh a cho-òrdanachadh (thèid dearbh-leughadairean neo-eisimeileach a choimiseanadh le Acair aig àm a bhios freagarrach aon uair ’s gu bheil an sgriobt air a h-aontachadh ann an cruth dreach deireannach leis an ùghdar).
  • Cur taic ri ùghdaran le bhith a’ gnìomhadh mar chiad neach-fios do Acair co-cheangailte ri taobhan deasachaidh nan sgriobtaichean uile.
  • Leughadh sgriobtaichean agus a’ dèanamh mholaidhean structarach is stoidhle far a bheil sin iomchaidh (a’ leantainn air aithisg leughadair), gus an obair a dhèanamh freagarrach don mhargaid air a bheilear ag amas.
  • Cumail ceangal agus taic ri luchd-obrach neo-eisimeileach / neo-cheangailte a tha air an coimiseanadh gus iùil ‘goireas luchd-ionnsachaidh’ a sholarachadh, leithid beag-fhaclairean agus iùil briathrachais, a’ dèanamh cinnteach gu bheil a leithid sin de ghoireasan uile air an gabhail a-steach gu h-iomchaidh san obair no air làrach-lìn an t-sreath (ma tha sin air a choimiseanadh).
  • Dèanamh cinnteach gu bheil an obair clò-shuidhichte air a sgrùdadh mus tèid a chlò-bhualadh.
  • Aithisg sgrìobhte a thoirt do Chomhairle nan Leabhraichean mu leasachadh litreachail air gach làmh-sgrìobhainn mus tèid fhoillseachadh.

Fad na dreuchd: 1-2 bhliadhna (a rèir adhartas na h-obrach)

Làrach: Obair air astar, le roghainn air obair san oifis aig amannan.

Uairean obrach: Sùbailte, pàirt-ùine

Tuarastal: Reat uarach

Tuilleadh fiosrachaidh
Ma tha tuilleadh fiosrachaidh a dhìth oirbh, cuiribh post-d gu [email protected] no fònaibh gu 01851 703020

Tagraidhean
Airson tagradh, cuiribh CV agus litir còmhla ris gu [email protected]

Ceann-latha (closing date): ro 5f Dihaoine 02 an t-Ògmhios 2023