Do Aonghas Dubh Là na h-Aoise

Posted on 7 June 2022 in Latest News

A poem by An Comunn Gàidhealach’s official Bard, Rody Gorman to mark the 80th birthday of award-winning Gaelic poet and songwriter, Aonghas Dubh MacNeacail.

Do Aonghas Dubh Là na h-Aoise

Fhir-dhàna ’s ollaimh ri filidheachd,
Seadh, agus ri seanchas
Is ealain a tha thu ann,

A cheist is a chuspair
A bhuain aois a’ gheallaidh
’S t’ anam dubh dubh gun sgur

Agus do shùilean beò nan lasair
Nad shuidhe sa chnoc a’ sealltainn a-mach
Air an Eilean ’s na Crìochan ’s Leum na Caillich,

An dèidh dhut èirigh ’s falbh
Agus an obair mhòr agad
Is an dreuchd ud a leigeil a-nuas

Mu dheireadh thall ’s a-bhos
Is na leabhraichean a chur an dara taobh
Mar a dhèanadh na linn am bodach

Na aon luaireagan beag air teòradh,
A chiall, ris a’ bhlàths a-staigh,
Cha chreid mi nach fhàg sinn,

Mar chuimhneachan ’s mar chomharradh,
A’ chathair agad thall ud
Bàn ’s falamh gu Là Luain.