A’ Tilleadh Òrdugh

Tha Comhairle nan Leabhraichean a’ cur roimhpe an stoc, na prìsean agus an t-seirbheis as fheàrr a thoirt dhuibh-se, an luchd-ceannaich. Ma nochdas e gu bheil rud sam bith a chaidh a cheannach bho www.gaelicbooks.org easbhaidheach no air a mhilleadh sa phost no eadar-dhealaichte bhon dealbh-chunntas mu dheidhinn air an làrach-lìn againn, bhitheamaid toilichte na cosgaisean ath-dhìoladh no lethbhreac ùr a chur thugaibh na àite. Feumar brath a chur thugainn (air [email protected]) taobh a-staigh 14 latha an dèidh dhuibh an òrdan fhaighinn ma tha sìon gu bhith air a thilleadh air ais.

Ma thèid stuth a cheannach bho làrach-lìn Chomhairle nan Leabhraichean le mearachd, agus gun choire sam bith air Comhairle nan Leabhraichean, bhitheamaid toilichte na cosgaisean ath-dhìoladh no rudeigin eile a chur thugaibh na àite fhad ’s a tha an nì a chaidh a cheannach anns a’ chiad àite air a thilleadh gu Comhairle nan Leabhraichean gun a bhith air a chleachdadh agus ann an cruth a thèid a reic a-rithist. Nuair nach tèid aig neach-ceannaich rudeigin a cheannaich iad le mearachd a thilleadh, no nach eil iad deònach cur air dòigh airson a thilleadh, tha Comhairle nan Leabhraichean a’ gleidheadh gach còir airson prìs a chur an cois a bhith a’ dol a dh’iarraidh an stuth bhon neach-ceannaich. Nuair a bhios òrdan gu lèir ga thilleadh, tha a’ Chomhairle a’ gleidheadh gach còir airson nan cosgaisean postachd a chumail.

Chan eil buaidh aig an seo air do chòraichean a rèir an lagha mar neach-ceannaich.