Tha Comhairle nan Leabhraichean a’ tabhann cuideachadh do dh’ùghdaran a tha ag amas air a bhith a’ sgrìobhadh sa Ghàidhlig. Thathar a’ toirt prìomhachas do sgrìobhadairean aig a bheil aonta le foillsichear airson an obair a chur an clò, agus thathar cuideachd a’ toirt prìomhachas do phròiseactan anns a bheil tomhas àrd de Ghàidhlig. Thathar a’ cur taic ri raon farsaing de litreachas, a’ gabhail a-steach tiotalan ann an cruthan didseatach is eile, a bharrachd air leabhraichean clò-bhuailte.
Dh’fhaodadh gum biodh dàil air tagradh mura tèid a h-uile fiosrachaidh a tha air iarraidh a chur a-steach na chois. Thoir sùil air ‘Fiosrachadh deatamach’ gu h-ìosal.
Cinn-latha
Bidh Comataidh nan Tabhartas a’ coinneachadh ceithir tursan sa bhliadhna ionmhasail (Giblean-Màrt) airson beachdachadh air taic-iarrtasan.
An ath cheann-latha airson iarrtasan: 17 Màrt 2023 (airson coinneamh a’ Chèitein 2023)
An ath choinneamh de Chomataidh nan Tabhartas: An Gearran 2023 (latha ri dhearbhadh)
Bidh coinneamhan eile air an cumail:
- An Gearran 2023 (ceann-latha airson tagraidhean: 16 Dùbhlachd 2022)
- An Cèitean 2023 (ceann-latha airson tagraidhean: 17 Màrt 2023)
- An Lùnastal 2023 (ceann-latha airson tagraidhean: 16 Ògmhios 2023)
- An t-Samhain 2023 (ceann-latha airson tagraidhean: 15 Sultain 2023)
A’ cur a-steach tagradh
Feumaidh tagraichean – sgrìobhadairean, no foillsichearan às leth sgrìobhadairean – a tha a’ sireadh taic-airgid barantais clàr-iarrtais airson Tabhartas Barantais a lìonadh. Luchdaich a‑nuas clàr-iarrtais an seo no cuir brath gu Comhairle nan Leabhraichean a dh’iarraidh lethbhreac. Tha an clàr-iarrtais ri fhaighinn an dà chuid anns a’ Ghàidhlig agus anns a’ Bheurla, agus ann an cruth Word no PDF. Feumaidh iarrtasan a bhith a‑steach co-dhiù sia seachdainean ron ath choinneimh de Chomataidh nan Tabhartas ach am bi iad air am measadh ann an àm.
Fiosrachadh deatamach
A thuilleadh air clàr-iarrtais air a lìonadh gu coileanta, feumaidh gach tagraiche na leanas a chur an cois an tagraidh:
a) geàrr-iomradh dhen obair a tha san amharc agus caibideil no earrann iomchaidh mar eisimpleir;
b) tuairmse dhen ùine obrach co-cheangailte ri ullachadh a’ chiad dreach;
c) plana obrach;
d) lethbhreac de chùmhnant foillseachaidh/conaltradh sgrìobhte leis an fhoillsichear a thaobh a’ phròiseict seo;
e) no mura bheil cùmhnant foillseachaidh air aontachadh, fiosrachadh mu chonaltradh sam bith le foillsichearan gus ùidh anns an obair a thomhas (ainm an fhoillsicheir, cuin is freagairt sam bith a thàinig às).
Dh’fhaodadh gum biodh dàil air tagradh mura tèid a h-uile fiosrachaidh a tha air iarraidh a chur a-steach na chois. Ma bhios feum air cuideachadh a thaobh an iarrtais, cuir brath chun na Roinn Litreachais is Foillseachaidh.
Sgrìobhadairean ùra
Chan eil e ceadaichte do sgrìobhadairean ùra, neo-fhoillsichte cur a-steach airson barrachd air aon tabhartas barantais aig aon àm. Gus am bi iad air crìoch a chur air a’ chiad tabhartas barantais aca, chan fhaod sgrìobhadairean ùra iarrtasan a chur a-steach airson tabhartasan barantais a bharrachd.
Aon tagradh mu choinneamh gach tiotal
Cha tèid gabhail ri barrachd air aon iarrtas airson tabhartas barantais agus aon iarrtas airson tabhartas foillseachaidh mu choinneamh gach tiotal fa leth. Aon uair ’s gun deach tagradh a chur a-steach, chan eil e ceadaichte tagradh eile a chur a-steach a’ sireadh tuilleadh taic dhen aon seòrsa airson an tiotal sin.
Iarrtasan coileanta
Bu chòir tagraidhean coileanta, cuide ri pàipearan-taice sam bith, a thilleadh gu:
Màiri NicCumhais, Oifigear Litreachais is Foillseachaidh air post-d (cuir ‘Iarrtas airson tabhartas barantais’ mar chuspair a’ phuist-dealain)
no tron phost gu:
Màiri NicCumhais, Oifigear Litreachais is Foillseachaidh, Comhairle nan Leabhraichean, 32 Sràid Achadh a’ Mhansa, Glaschu G11 5QP
Fiosrachadh mun cho-dhùnadh
Thèid fios mu cho-dhùnadh Comataidh nan Tabhartas a sgaoileadh gu tagraichean taobh a‑staigh dà sheachdain às dèidh coinneimh na Comataidh. Ma bhios iarrtas soirbheachail, le tabhartas barantais air a thabhann, thèid litir fhoirmeil le cùmhnant chun an tagraiche tron phost.
Dè an seòrsa taic a tha ri fhaotainn?
Thathar a’ cur fàilte air iarrtasan bho sgrìobhadairean a tha a’ sireadh taic mu choinneamh cuid no na h-uile de chosgaisean co-cheangailte ri obair cruthachail anns na roinnean a leanas:
- Leasachadh air sgrìobhadh ùr agus tùsail sa Ghàidhlig
- Eadar-theangachadh bho chànan eile gu Gàidhlig
- Nobhail grafaig Gàidhlig a chruthachadh (dealbhan agus teacsa)
Thathar a’ toirt prìomhachas ri bhith a’ leasachadh sgrìobhadh ùr agus tùsail a tha sa Ghàidhlig a-mhàin, ged a thathar cuideachd a’ cur taic ri obair dà-chànanach anns a bheil tomhas àrd de Ghàidhlig a’ nochdadh.
Nobhailean grafaig agus/no sgrìobhadh stèidhichte air cruth comaig
Tha taic barantais airson dealbhan ri fhaotainn a-mhàin airson obair ealain a tha na phàirt mhòr is bhunaiteach de phròiseact litreachais (m.e. leabhar stèidhichte air cruth comaig no nobhail grafaig, far a bheil an sgeul no am fiosrachadh air a thaisbeanadh tro dhealbhan ann an cruth comaig traidiseanta no ann an nòs ùr). Gu h-àbhaisteach, chan eil deilbh-còmhdaich no obair ealain eile a tha a’ sgeadachadh leabhar no a’ cur ri brìgh an teacsa airidh air taic barantais, ach dh’fhaodadh gum biodh cuideachadh ri fhaotainn tro thabhartas foillseachaidh.
Iarrtasan neo-iomchaidh
Tha cruthan ann ris nach bi a’ Chomhairle a’ cumail taic tro thabhartasan barantais. ’S iad sin:
- Bathar shanasachd sam bith, a’ gabhail a-steach cairtean agus mìosachain, làraich-lìn agus blogaichean
- Geamaichean, apaichean, mapaichean agus cur-seachadan
- Leabhraichean no goireasan oideachaidh gu sònraichte airson sgoiltean (cuiribh brath gu Stòrlann)
- Leabhraichean stiùiridh teicnigeach no leabhraichean-iùil
- Leabhraichean foillsichte a-mhàin air-loidhne às aonais ro-innleachd chòraichean didseatach shoilleir airson bacadh a chur air sgaoileadh gun chead
- Foillseachaidhean às aonais, no le glè bheag (nas lugha na 10%), de shusbaint ann an Gàidhlig na h-Alba.
Ìrean de thaic
Dh’fhaodadh gum faigheadh iarrtasan soirbheachail airson tabhartasan barantais taic suas gu na h-ìrean a leanas:
Na h-ìrean as àirde/ìsle de thaic
Cha bhithear gu h-àbhaisteach a’ tairgsinn taic barantais os cionn £6,000 airson iarrtas fa leth. Cha tèid beachdachadh air tagraidhean airson cuideachadh le cosgaisean cruthachail nas ìsle na £100.
Sgrìobhadh do dh’inbhich(na h-ìrean-taic as àirde)
- Ficsean (iarrtas bho sgrìobhadair stèidhichte*) – suas ri £6,000
- Ficsean (iarrtas bho sgrìobhadair ùr**) – suas ri £3,500
- Rosg eile, a’ gabhail a-steach obair sgoilearach no deilbh-chluich (iarrtas bho sgrìobhadair stèidhichte*) – suas ri £6,000
- Rosg eile, a’ gabhail a-steach obair sgoilearach no deilbh-chluich (iarrtas bho sgrìobhadair ùr**) – suas ri £3,500
- Cruinneachadh/sreath bàrdachd mòr, ùr (iarrtas bho sgrìobhadair stèidhichte*) – suas ri £6,000
- Cruinneachadh/sreath bàrdachd ùr (iarrtas bho sgrìobhadair ùr**) – suas ri £3,500
* Sgrìobhadair stèidhichte – san t-seagh seo, iadsan aig a bheil co-dhiù dà leabhar air fhoillseachadh
** Sgrìobhadair ùr – san t-seagh seo, iadsan aig nach eil barrachd air aon leabhar air fhoillseachadh
Sgrìobhadh do dhaoine òga (na h-ìrean-taic as àirde)
- Ficsean do dheugairean/dhaoine òga (nas fhaide na 15,000 facal) – suas ri £3,000
- Ficsean do dheugairean/dhaoine òga (suas ri 15,000 facal) – suas ri £2,500
- Sgrìobhadh do chloinn (nas fhaide na 1,000 facal) – suas ri £1,500
- Sgrìobhadh do chloinn (suas ri 1,000 facal) – suas ri £1,000
Tha na suimeannan gu h-àrd mar eisimpleir air na h-ìrean as àirde a dh’fhaodte fhaighinn airson cuideachadh le obair sgrìobhaidh cruthachail (agus chan ann, mar eisimpleir, mu choinneamh cosgaisean deasachaidh). Bidh na h‑ìrean gu h-àrd gan ath-sgrùdadh gach bliadhna.
Gus cothrom a bhith aig tagraiche an ìre as àirde de thaic fhaighinn, feumaidh na slatan-tomhais air fad a bhith air an coileanadh aig àrd ìre (faic ‘Measadh nan tagraidhean’ gu h-ìseal). Ma tha tuilleadh fiosrachaidh a dhìth a thaobh nan diofar raointean sònraichte agus ìrean measaidh, cuir brath chun an Roinn Litreachais is Foillseachaidh.
Ceann-latha airson ath-sgrùdadh: An t-Samhain 2023
Measadh nan tagraidhean
Thathar a’ measadh thagraidhean a rèir nan slatan-tomhais a leanas, a’ gabhail beachd air an fhiosrachadh a chaidh a thoirt seachad air a’ chlàr-iarrtais, cuide ri na pàipearan taice na chois. Tha co-dhùnaidhean a thaobh na h-ìre de thaic air an ruighinn le Comataidh nan Tabhartas an dèidh beachdachadh air na slatan-tomhais air fad. Tha e àbhaisteach gum bi neartan agus laigsean co-cheangailte ris gach iarrtas anns na raointean a leanas, ach bidh measadh cothromach air a dhèanamh an-còmhnaidh.
CHAN EIL an liosta gu h-ìseal ann an òrdugh cudromachd. Bithear a’ beachdachadh air na h‑ochd raointean fa leth.
1. Càileachd chruthachail
Dè cho làidir ‘s a bhios an sgrìobhadh/rannsachadh? An dèan e leabhar math a thèid a mhargaidheachd?
2. Ìre agus freagarrachd an t-susbaint Ghàidhlig
Am bi tomhas àrd dhen teacsa ann an Gàidhlig na h-Alba? Am bi an ìre cànain freagarrach dhan luchd-cleachdaidh air a bheilear ag amas?
3. Iarrtas san amharc agus comas margaideachd
A bheilear dhen bheachd gum bi fèill mhòr air an tiotal? An e ùghdar stèidhichte a th’ ann? A bheil an obair a’ freagairt air gnèithean prìomhachais Chomhairle nan Leabhraichean airson na bliadhna sin?
Gnèithean prìomhachais 2022-23:
a) Rosg agus ficsean co-aimsireil ann an cruth leabhair agus/no leabhair èisteachd agus/no leabhair-d;
b) Litreachas do dheugairean, gu h-àraidh air cuspairean ficsean eachdraidheil, ficsean saidheans no gaol;
c) Rannan cloinne sa Ghàidhlig bho thùs (litearrachd nan tràth ìrean) do chloinn fo aois 5 bliadhna;
d) Ficsean sa Ghàidhlig bho thùs do chloinn suas gu 12 bliadhna a dh’aois;
e) Ficsean Gàidhlig freagarrach do luchd-ionnsachaidh inbheach;
f) Irisean/ràitheachain litreachais.
Thathar a’ toirt prìomhachas do sgrìobhadh a chaidh a chruthachadh sa Ghàidhlig bho thùs (i.e. nach deach eadar-theangachadh bhon Bheurla/ cànan sam bith eile) ach bithear fhathast, ge-tà, a’ measadh iarrtasan mu choinneamh iomadh seòrsa obrach. Bidh prìomhachasan a thaobh gnèithean gan ath-sgrùdadh gach bliadhna.
4. Luach spèisealta
Mura h-eil coltas ann gur e tiotal a reiceas aig àrd-ìre a bhios an seo, a bheil feartan matha eile co-cheangailte ris an obair, leithid luach cultarach no sgoilearach?
5. Eòlas an sgrìobhadair
Dè an ìre de dh’eòlas a th’ aig an sgrìobhadair? A bheil iad ùr neo a bheil iad ann an clò mar-thà?
6. Foillsichear
A bheil cùmhnant foillseachaidh air aontachadh? A bheil an sgrìobhadair air conaltradh a dhèanamh a-cheana ri foillsichearan a thaobh a’ phròiseict seo, no a bheil iad deònach sin a dhèanamh?
7. Clàr-ama obrach
A bheil an clàr-ama sgrìobhaidh a’ coimhead ciallach?
8. Neart ionmhasail agus luach an airgid
A bheil na cosgaisean a’ coimhead reusanta? An deach airgead a bharrachd a lorg o bhuidhnean-taice eile
Tabhartasan Maoineachaidh (2022-23)
Tabhartasan barantais: 3 tabhartasan luach £6,850 gu h-iomlan
Tabhartasan foillseachaidh: 12 tabhartasan luach £15,284 gu h-iomlan
Gu h-iomlan 2022-23: £22,134 gu ruige seo
Ceistean a bharrachd?
Airson tuilleadh fiosrachaidh a thaobh tabhartasan barantais, cuir brath thugainn:
Fòn: 0141 337 6211
Roinn Litreachais is Foillseachaidh
Comhairle nan Leabhraichean, 32 Sràid Achadh a’ Mhansa, Glaschu G11 5QP