Na Duaisean Litreachais 2023

The Gaelic Literature Awards 2023 logo
Riaghailtean agus Stiùireadh

Ceann-latha airson thagraidhean: 5.00f, Didòmhnaich 30 Giblean 2023

Tha Na Duaisean Litreachais fosgailte do leabhraichean Gàidhlig a chaidh fhoillseachadh ann an dùthaich sam bith eadar 1 Cèitean 2022 agus 30 Giblean 2023. Thèid duaisean luach £1,000 dhan ùghdar is £500 dhan fhoillsichear a bhuileachadh air an luchd-buannachaidh anns gach roinn a leanas:

  • Bàrdachd – Duais Ruaraidh MhicThòmais, le taic bho Leabharlann Bàrdachd na h‑Alba
  • Ficsean – Duais Chomann Ghàidhealach Lunnainn
  • Neo-fhicsean – Duais Dhòmhnaill Meek
  • Clann/òigridh

Tha Na Duaisean Litreachais cuideachd fosgailte do sgrìobhadh tùsail Gàidhlig de dh’fhaid leabhair, gun fhoillseachadh air ceann-latha na farpais. Thèid duaisean luach eadar £500-£1,000 a bhuileachadh air an luchd-buannachaidh anns gach roinn a leanas:

  • Sgrìobhadh airson clann/òigridh, le taic bho Acair
  • Sgrìobhadh airson inbhich
Clàran-iarrtais

Feumaidh an clàr-iarrtais iomchaidh a bhith an cois gach tagradh. Luchdaich a-nuas an clàr-iarrtais airson leabhraichean foillsichte agus sgrìobhadh neo-fhoillsichte.

Fiosrachadh tagraidh

– Feumaidh co-dhiù 50% dhen teacsa gu lèir ann an tagraidhean airson nan Duaisean Litreachais a bhith sgrìobhte ann an Gàidhlig na h-Alba.
– Feumaidh pìosan sgrìobhaidh neo-fhoillsichte a bhith ann an cruth Word le clò 12-puing agus beàrnadh dùbailte. Bu chòir dha na duilleagan uile a bhith air an àireamhachadh, le tiotal a’ phìos sgrìobhaidh orra. Cha bu chòir ainm an ùghdair a bhith air duilleag sam bith dhen tagradh (ach a-mhàin a’ chlàr-iarrtais) a chionn ’s gum bi na tagraidhean sin uile air am breithneachadh gun urra.
– Air thoiseach air a’ cheann-latha, bu chòir trì (3) lethbhric de gach leabhar foillsichte, le clàr-iarrtais nan cois, a chur gu:
Na Duaisean Litreachais, Comhairle nan Leabhraichean, 32 Sràid Achadh a’ Mhansa, Glaschu G11 5QP
– Air thoiseach air a’ cheann-latha, bu chòir tagraidhean airson sgrìobhadh neo-fhoillsichte a chur a‑steach air post-d, le clàr-iarrtais nan cois, gu: [email protected].
– Gheibh tagraichean dearbhadh air post-d gun d’ fhuaireadh an tagradh aca nuair a ruigeas e.
– Is e Didòmhnaich 30 Giblean 2023 aig 5.00f an ceann-latha deireannach do thagraidhean. Cha tèid beachdachadh air tagraidhean a gheibhear às dèidh a’ chinn-latha sin.
– Thèid breithneachadh air na tagraidhean le pannal neo-eisimeileach. Bidh co-dhùnadh a’ phannail deireannach.

Fiosrachadh a bharrachd

A bheil Na Duaisean Litreachais fosgailte do thagraidhean foillsichte a-mhàin ann an cruth leabhair-d no leabhair‑èisteachd?
Chan eil am-bliadhna. Tha sinn an dòchas Na Duaisean Litreachais a leudachadh anns na bliadhnaichean ri teachd gu bhith a’ gabhail a-steach roinnean a bharrachd.
A bheil Na Duaisean Litreachais fosgailte do leabhraichean a tha foillsichte leis an ùghdar fhèin?
Tha, fhad ’s a tha iad foillsichte gu ìre phroifeiseanta agus le ISBN fa leth aca.
A bheil Na Duaisean Litreachais fosgailte do sgrìobhadh air eadar-theangachadh dhan Ghàidhlig bho chànan eile?
Tha na farpaisean airson leabhraichean ann an clò fosgailte do sgrìobhadh air eadar-theangachadh dhan Ghàidhlig bho chànan eile. Chan eil na farpaisean airson làmh‑sgrìobhainnean neo‑fhoillsichte fosgailte do dh’obair air eadar-theangachadh bho chànan eile – bu chòir dhan sgrìobhadh sin a bhith ùr agus leis an tagraiche bho thùs.
A bheil Na Duaisean Litreachais fosgailte do leabhraichean air an ath-fhoillseachadh no dìreach airson leabhraichean a tha ann an clò airson a’ chiad uair?
Chan eil e ceadaichte tagradh a chur a-steach airson leabhar a tha air ath-fhoillseachadh – tha Na Duaisean Litreachais gu sònraichte ag amas air sgrìobhadh ùr a bhrosnachadh. Ma tha leabhar air ath-fhoillseachadh ann an eagran ùr le atharrachadh mòr no deagh thomhas de theacsa ùr air a chur ris, thèid gabhail ris a rèir co-dhùnadh nam britheamhan.
A bheil Na Duaisean Litreachais fosgailte do thagraidhean air cuspair co-cheangailte ris a’ Ghàidhlig a tha sgrìobhte ann an cànan eile, ach anns a bheil glè bheag de theacsa sa Ghàidhlig?
Chan eil. Bu chòir co-dhiù 50% de thagradh a bhith sgrìobhte sa Ghàidhlig airson a chur a‑steach dhan fharpais.
A bheil e ceadaichte tagradh a bha a-staigh airson Duais Dhòmhnaill Meek a-cheana a chur a-steach gu farpais nan Duaisean Litreachais?
Tha e ceadaichte leabhar foillsichte a chur a-steach mar thagradh dha Na Duaisean Litreachais ma bha an teacsa a-steach airson Duais Dhòmhnaill Meek a-cheana fhad ’s nach do choisinn e duais. Chan eil e ceadaichte làmh-sgrìobhainn neo-fhoillsichte a bha a-staigh airson Duais Dhòmhnaill Meek a-cheana a chur a-steach gu farpais làmh-sgrìobhainn nan Duaisean Litreachais.
A bheil e ceadaichte tagradh a bha a-staigh a-cheana airson farpais làmh-sgrìobhainn neo-fhoillsichte aig Na Duaisean Litreachais a chur a-steach dhan aon fharpais a-rithist?
Chan eil e ceadaichte tagradh a bha a-staigh airson farpais làmh-sgrìobhainn neo-fhoillsichte aig Na Duaisean Litreachais a-cheana a chur a-steach gu farpais làmh-sgrìobhainn nan Duaisean Litreachais a-rithist.


Thèid geàrr-liosta airson nan Duaisean Litreachais ainmeachadh anns an Lùnastal 2023. Thèid luchd-buannachaidh nan Duaisean Litreachais 2023 ainmeachadh aig cuirm ann an Cottiers Theatre, Glaschu air Diardaoin 14 Sultain 2023.

Ma tha ceistean sam bith eile agaibh mu dheidhinn nan Duaisean Litreachais, cuiribh brath thugainn air [email protected] no 0141 337 6211.