Na Duaisean Litreachais 2022


Riaghailtean agus Stiùireadh

Ceann-latha airson thagraidhean: 5.00f, Disathairne 30 Giblean 2022

Tha Na Duaisean Litreachais fosgailte do leabhraichean Gàidhlig a chaidh fhoillseachadh ann an dùthaich sam bith eadar 1 Cèitean 2021 agus 30 Giblean 2022 agus a tha ann an aon de na gnèithean a leanas:

  • Bàrdachd – Duais Ruaraidh MhicThòmais, le taic bho Leabharlann Bàrdachd na h‑Alba
  • Ficsean – Duais Chomann Ghàidhealach Lunnainn
  • Neo-fhicsean – Duais Dhòmhnaill Meek
  • Clann/òigridh

Tha Na Duaisean Litreachais cuideachd fosgailte do sgrìobhadh tùsail Gàidhlig de dh’fhaid leabhair, gun fhoillseachadh air ceann-latha na farpais, agus a tha ann an aon de na gnèithean a leanas:

  • Sgrìobhadh airson clann/òigridh
  • Sgrìobhadh airson inbhich
Clàran-iarrtais

Feumaidh an clàr-iarrtais iomchaidh a bhith an cois gach tagradh. Luchdaich a-nuas an clàr-iarrtais airson leabhraichean foillsichte agus sgrìobhadh neo-fhoillsichte.

Fiosrachadh tagraidh

– Feumaidh co-dhiù 50% dhen teacsa gu lèir ann an tagraidhean airson nan Duaisean Litreachais a bhith sgrìobhte ann an Gàidhlig na h-Alba.
– Feumaidh pìosan sgrìobhaidh neo-fhoillsichte a bhith ann an cruth Word le clò 12-puing agus beàrnadh dùbailte. Bu chòir dha na duilleagan uile a bhith air an àireamhachadh, le tiotal a’ phìos sgrìobhaidh orra. Cha bu chòir ainm an ùghdair a bhith air duilleag sam bith dhen tagradh (ach a-mhàin a’ chlàr-iarrtais) a chionn ’s gum bi na tagraidhean sin uile air am breithneachadh gun urra.
– Air thoiseach air a’ cheann-latha, bu chòir trì (3) lethbhric de gach leabhar foillsichte, le clàr-iarrtais nan cois, a chur gu:
Na Duaisean Litreachais, Comhairle nan Leabhraichean, 32 Sràid Achadh a’ Mhansa, Glaschu G11 5QP
– Air thoiseach air a’ cheann-latha, bu chòir tagraidhean airson sgrìobhadh neo-fhoillsichte a chur a‑steach air post-d, le clàr-iarrtais nan cois, gu: [email protected].
– Gheibh tagraichean dearbhadh air post-d gun d’ fhuaireadh an tagradh aca nuair a ruigeas e.
– Is e Disathairne 30 Giblean 2022 aig 5.00f an ceann-latha deireannach do thagraidhean. Cha tèid beachdachadh air tagraidhean a gheibhear às dèidh a’ chinn-latha sin.
– Thèid breithneachadh air na tagraidhean le pannal neo-eisimeileach. Bidh co-dhùnadh a’ phannail deireannach.

Fiosrachadh a bharrachd

A bheil Na Duaisean Litreachais fosgailte do thagraidhean foillsichte a-mhàin ann an cruth leabhair-d no leabhair‑èisteachd?
Chan eil am-bliadhna. Tha sinn an dòchas Na Duaisean Litreachais a leudachadh anns na bliadhnaichean ri teachd gu bhith a’ gabhail a-steach roinnean a bharrachd.
A bheil Na Duaisean Litreachais fosgailte do leabhraichean a tha foillsichte leis an ùghdar fhèin?
Tha, fhad ’s a tha iad foillsichte gu ìre proifeiseanta agus le ISBN fa leth aca.
A bheil Na Duaisean Litreachais fosgailte do sgrìobhadh air eadar-theangachadh dhan Ghàidhlig bho chànan eile?
Tha an fharpais airson leabhraichean ann an clò fosgailte do sgrìobhadh air eadar-theangachadh dhan Ghàidhlig bho chànan eile. Chan eil an fharpais airson làmh‑sgrìobhainnean neo‑fhoillsichte fosgailte do dh’obair air eadar-theangachadh bho chànan eile – bu chòir dhan sgrìobhadh sin a bhith ùr agus leis an tagraiche bho thùs.
A bheil Na Duaisean Litreachais fosgailte do leabhraichean air an ath-fhoillseachadh no dìreach airson leabhraichean a tha ann an clò airson a’ chiad uair?
Chan eil e ceadaichte tagradh a chur a-steach airson leabhar a tha air ath-fhoillseachadh – tha an fharpais gu sònraichte ag amas air sgrìobhadh ùr a bhrosnachadh. Ma tha leabhar air ath-fhoillseachadh ann an eagran ùr le atharrachadh mòr no deagh thomhas de theacsa ùr air a chur ris, thèid gabhail ris a rèir co-dhùnadh nam britheamhan.
A bheil Na Duaisean Litreachais fosgailte do thagraidhean air cuspair co-cheangailte ris a’ Ghàidhlig a tha sgrìobhte ann an cànan eile, ach anns a bheil glè bheag de theacsa sa Ghàidhlig?
Chan eil. Bu chòir co-dhiù 50% de thagradh a bhith sgrìobhte sa Ghàidhlig airson a chur a‑steach dhan fharpais.
A bheil e ceadaichte tagradh a bha a-staigh airson Duais Dhòmhnaill Meek a-cheana a chur a-steach gu farpais nan Duaisean Litreachais?
Tha e ceadaichte leabhar foillsichte a chur a-steach mar thagradh dha Na Duaisean Litreachais ma bha an teacsa a-steach airson Duais Dhòmhnaill Meek a-cheana fhad ’s nach do choisinn e duais. Chan eil e ceadaichte làmh-sgrìobhainn neo-fhoillsichte a bha a-staigh airson Duais Dhòmhnaill Meek a-cheana a chur a-steach gu farpais làmh-sgrìobhainn nan Duaisean Litreachais.
A bheil e ceadaichte tagradh a bha a-staigh a-cheana airson farpais làmh-sgrìobhainn neo-fhoillsichte aig Na Duaisean Litreachais a chur a-steach dhan aon fharpais a-rithist?
Chan eil e ceadaichte tagradh a bha a-staigh airson farpais làmh-sgrìobhainn neo-fhoillsichte aig Na Duaisean Litreachais a-cheana a chur a-steach gu farpais làmh-sgrìobhainn nan Duaisean Litreachais a-rithist.


Thèid geàrr-liosta airson nan Duaisean Litreachais ainmeachadh anns an Lùnastal 2022. Thèid luchd-buannachaidh nan Duaisean Litreachais ainmeachadh air Diardaoin 15 Sultain 2022.

Ma tha ceistean sam bith eile agaibh mu dheidhinn nan Duaisean Litreachais, cuiribh brath thugainn air [email protected] no 0141 337 6211.