Duaisean nan Sgrìobhadairean Ùra 2023

Tha Duaisean nan Sgrìobhadairean Ùra 2023 a-nis fosgailte do thagraidhean.


Ceann-latha: 12f, Diciadain 13 Iuchar 2022

Lorgar fiosrachadh air ciamar a chuirear a-steach tagradh an seo air làrach-lìn Urras Leabhraichean na h-Alba. 

Tha e an-asgaidh cur a-steach airson nan duaisean agus gheibhte cosgaisean siubhail gu lèir air ais. Thèid an luchd-buannachaidh a thaghadh le pannail de bhritheamhan. Is mathaid gum faodadh taic a bharrachd a bhith ann do luchd-buannachaidh air a bheil bacaidhean a thaobh a bhith a’ gabhail pàirt.

Bidh na Duaisean a’ ruith eadar Am Faoilleach 2023 agus Am Faoilleach 2024. Gheibh an luchd-buannachaidh:
  • Duais luach £2,000 an urra, mar thaic airson an cuid sgrìobhaidh mar is iomchaidh dhaibh
  • Taic leasachaidh cruthachail fa leth, mar eisimpleir, stiùireadh bho sgrìobhadair stèidhichte no eòlaiche eile
  • Trèanadh ann am margaidheachd, na meadhanan sòisealta agus sgilean taisbeanaidh
  • Cothrom an cuid obrach a leughadh aig taisbeanadh do luchd-foillseachaidh
  • Seachdain aig ionad-sgrìobhaidh, far am bi ùine, farsaingeachd agus saorsa airson obair ùr a chruthachadh (a rèir riaghailtean aig an àm)
  • Ballrachd an-asgaidh fad bliadhna aig Comann nan Sgrìobhadairean agus seisean trèanaidh a thaobh chùmhnantan agus chòraichean.
  • Àite an-asgaidh air cùrsa 3-latha airson sgilean deasachaidh Gàidhlig le teisteanas bho Oilthigh Caledonian Ghlaschu.
  • Aig toiseach gnothaich, bidh trì mìosan aig na Sgrìobhadairean Ùra airson an cuid sgrìobhaidh ullachadh mus coinnich iad ri riochdairean bho Urras Leabhraichean na h-Alba agus bho Chomhairle nan Leabhraichean airson beachdachadh air an taic leasachaidh proifeiseanta a fhreagras orrasan gu pearsanta agus air a’ phròiseact aca.

Thèid Duaisean nan Sgrìobhadairean Ùra air adhart ann an 2023 ma gheibh Urras Leabhraichean na h-Alba am maoineachadh a tha a dhìth orra airson an sgeama a ruith. Thèid an t-seachdain-sgrìobhaidh air adhart a rèir riaghailtean agus stiùireadh air siubhal a rèir an t-suidheachaidh aig an àm.

Lorgar fiosrachadh air ciamar a chuirear a-steach tagradh an seo air làrach-lìn Urras Leabhraichean na h-Alba. 

Ceistean sam bith? Cuiribh post-d gu [email protected]