Tabhartasan Foillseachaidh

Tha Comhairle nan Leabhraichean a’ tabhann cuideachadh do dh’fhoillsichearan a tha ag amas air leabhraichean Gàidhlig sònraichte a chur an clò. Thathar a’ toirt prìomhachas do sgrìobhadh a tha sa Ghàidhlig a-mhàin, ged a thathar cuideachd a’ cur taic ri pròiseactan dà‑chànanach anns a bheil tomhas àrd de Ghàidhlig. Thathar a’ maoineachadh raon farsaing de litreachas, a’ gabhail a-steach tiotalan ann an cruthan didseatach is eile, a bharrachd air leabhraichean clò-bhuailte.

Dh’fhaodadh gum biodh dàil air tagradh mura tèid a h-uile fiosrachaidh a tha air iarraidh a chur a-steach na chois. Thoir sùil air  ‘Fiosrachadh deatamach’ gu h-ìosal.

Cinn-latha

Bidh Comataidh nan Tabhartas a’ coinneachadh ceithir tursan sa bhliadhna ionmhasail (Giblean-Màrt) airson beachdachadh air taic-iarrtasan.

An ath cheann-latha airson iarrtasan: 16 Dùbhlachd 2022 (airson coinneamh a’ Ghearrain 2023)

An ath choinneamh de Chomataidh nan Tabhartas: 13 Dùbhlachd 2022

Bidh coinneamhan eile air an cumail:

  • An Gearran 2023 (ceann-latha airson tagraidhean: 16 Dùbhlachd 2022)
  • An Cèitean 2023 (ceann-latha airson tagraidhean: 17 Màrt 2023)
  • An Lùnastal 2023 (ceann-latha airson tagraidhean: 16 Ògmhios 2023)
  • An t-Samhain 2023 (ceann-latha airson tagraidhean: 15 Sultain 2023)

A’ cur a-steach tagradh

Feumaidh tagraichean a tha a’ sireadh taic-airgid foillseachaidh clàr-iarrtais airson Tabhartas Foillseachaidh a lìonadh. Luchdaich a-nuas clàr-iarrtais an seo no cuir brath gu Comhairle nan Leabhraichean a dh’iarraidh lethbhreac. Tha an clàr-iarrtais ri fhaighinn an dà chuid anns a’ Ghàidhlig agus anns a’ Bheurla, agus ann an cruth Word no PDF. Feumaidh iarrtasan a bhith a‑steach co-dhiù sia seachdainean ron ath choinneimh de Chomataidh nan Tabhartas ach am bi iad air am measadh ann an àm. Cha bhi Comhairle nan Leabhraichean a’ maoineachadh leabhraichean a tha foillsichte mus tig iarrtas a-steach airson measadh.


Fiosrachadh deatamach

A thuilleadh air clàr-iarrtais air a lìonadh gu coileanta, feumaidh gach tagraiche na leanas a chur an cois an tagraidh:

a) dreach eadar-amail no dreach deireannach dhen sgrìobhainn a thathar airson fhoillseachadh, air a thaipeadh agus ann an cruth eileagtronaigeach;

b) tuairmsean sgrìobhte bho gach luchd-malairt a bhios an lùib an leabhair, m.e. neach-ullachaidh-clò, dealbhadair is eile (bu chòir co-dhiù  thuairmse a bhith ann bho chlò-bhualadairean eadar-dhealaichte);

c) mìneachadh air cosgaisean co-cheangailte ri pàirt sam bith dhen obair fhoillseachaidh a bhios dèante taobh a-staigh an fhoillsicheir.

Dh’fhaodadh gum biodh dàil air tagradh mura tèid a h-uile fiosrachaidh a tha air iarraidh a chur a-steach na chois. Airson tuilleadh fiosrachaidh mu bhith a’ lìonadh a’ chlàr-iarrtais, faic an duilleag Stiùireadh agus Slatan-tomhais. Ma bhios feum air cuideachadh a thaobh an iarrtais, cuir brath chun na Roinn Litreachais is Foillseachaidh.

Cha tèid gabhail ri barrachd air aon iarrtas airson tabhartas barantais agus aon iarrtas airson tabhartas foillseachaidh mu choinneamh gach tiotal fa leth. Aon uair ’s gun deach tagradh a chur a-steach, chan eil e ceadaichte tagradh eile a chur a-steach a’ sireadh tuilleadh taic dhen aon seòrsa airson an tiotal sin.


Iarrtasan coileanta

Bu chòir tagraidhean coileanta, cuide ri pàipearan-taice sam bith, a thilleadh gu:

Màiri NicCumhais, Oifigear Litreachais is Foillseachaidh air post-d (Cuir ‘Iarrtas airson tabhartas foillseachaidh’ mar chuspair a’ phuist-dealain)

no tron phost gu:

Màiri NicCumhais, Oifigear Litreachais is Foillseachaidh, Comhairle nan Leabhraichean, 32 Sràid Achadh a’ Mhansa, Glaschu G11 5QP


Fiosrachadh mun cho-dhùnadh

Thèid fios mu cho-dhùnadh Comataidh nan Tabhartas a sgaoileadh gu tagraichean taobh a‑staigh dà sheachdain às dèidh coinneimh na Comataidh. Ma bhios iarrtas soirbheachail, le tabhartas foillseachaidh air a thabhann, thèid litir fhoirmeil le cùmhnant chun an tagraiche tron phost, a dh’fheumas a thilleadh le ainm-sgrìobhte na chois taobh a-staigh 30 latha.


Dè an seòrsa taic a tha ri fhaotainn?

Thathar a’ cur fàilte air iarrtasan bho fhoillsichearan a tha a’ sireadh taic mu choinneamh cuid no na h-uile de chosgaisean co-cheangailte ri obair foillseachaidh anns na roinnean a leanas:

  • Obair-deasachaidh agus dearbh-leughadh
  • Deilbh agus dealbh còmhdaich (faic gu h-ìseal ‘Notaichean a bharrachd – Obair ealain’)
  • Clò-ullachadh
  • Clàr-amais
  • Clò-bhualadh
  • Clàradh CD/DVD/MP3/cruth iomchaidh eile
  • Ullachadh didseatach (teacsa a-mhàin)

Iarrtasan neo-iomchaidh

Tha cruthan ann ris nach bi Comhairle nan Leabhraichean a’ cumail taic tro thabhartasan foillseachaidh. ’S iad sin:

  • Pàipear-sgrìobhaidh is eile
  • Bathar shanasachd sam bith, a’ gabhail a-steach cairtean agus mìosachain, làraich-lìn agus blogaichean
  • Geamaichean, apaichean, mapaichean agus cur-seachadan
  • Leabhraichean no goireasan oideachaidh gu sònraichte airson sgoiltean (cuiribh brath gu Stòrlann)
  • Leabhraichean stiùiridh teicnigeach no leabhraichean-iùil
  • Leabhraichean foillsichte a-mhàin air-loidhne às aonais ro-innleachd chòraichean didseatach shoilleir airson bacadh a chur air sgaoileadh gun chead
  • Foillseachaidhean às aonais no le glè bheag (nas lugha na 10%) de shusbaint ann an Gàidhlig na h-Alba

Ìrean de thaic

Dh’fhaodadh gum faigheadh iarrtasan soirbheachail airson tabhartasan foillseachaidh taic suas gu na h-ìrean a leanas:

Na h-ìrean as àirde/ìsle de thaic
Cha bhithear gu h-àbhaisteach a’ tairgsinn taic os cionn £5,500 airson foillseachadh fa leth sam bith, no barrachd air 80% de na cosgaisean foillseachaidh, ge brith dè as ìsle. Cha tèid beachdachadh air tagraidhean airson cuideachadh le cosgaisean foillseachaidh nas ìsle na £100.

Leabhraichean (na h-ìrean-taic às àirde)

  • Foillseachaidhean le Gàidhlig na h-Alba a-mhàin – suas ri 80% de na cosgaisean (le £5,500 aig a’ char as àirde) airson gach tiotal
  • Foillseachaidhean dà-chànanach – suas ri 50% de na cosgaisean (le £4,000 aig a’ char as àirde) airson gach tiotal
  • Ath-chlò-bhualaidhean – suas ri 50% de na cosgaisean (le £2,500 aig a’ char as àirde) airson gach tiotal
  • Chan eil foillseachaidhean le nas lugha na 10% de shusbaint Ghàidhlig na h-Alba gu h-àbhaisteach airidh air taic.

Irisean/ràitheachain (na h-ìrean-taic às àirde)

  • Foillseachaidhean le Gàidhlig na h-Alba a-mhàin – suas ri 80% de na cosgaisean (le £5,500 aig a’ char as àirde) airson gach tiotal
  • Foillseachaidhean dà-chànanach – suas ri 50% de na cosgaisean (le £1,500 aig a’ char as àirde) airson gach tiotal
  • Ath-chlò-bhualaidhean – suas ri 50% de na cosgaisean (le £1,000 aig a’ char as àirde) airson gach tiotal
  • Chan eil foillseachaidhean le nas lugha na 10% de shusbaint Ghàidhlig na h-Alba gu h-àbhaisteach airidh air taic.

Tha na suimeannan gu h-àrd mar eisimpleir air na h-ìrean às àirde a dh’fhaodte fhaighinn airson cuideachadh le obair foillseachaidh (agus chan ann, mar eisimpleir, mu choinneamh cosgaisean eadar-theangachaidh). Bidh na h‑ìrean gu h-àrd gan ath-sgrùdadh gach bliadhna.

Ceann-latha airson ath-sgrùdadh: An t-Samhain 2022


Notaichean a bharrachd
Measadh nan tagraidhean

Tha co-dhùnaidhean Chomataidh nan Tabhartas stèidhichte air measadh dhen fhiosrachadh air a thoirt seachad leis an fhoillsichear air a’ chlàr-iarrtais, le beachd air slatan-tomhais iomchaidh. Airson tuilleadh fiosrachaidh, faic an duilleag Stiùireadh agus Slatan-tomhais.

Taic-airgid ro-làimh – 30% le aonta

Airson cuideachadh le cosgaisean ro-fhoillseachaidh, pàighidh Comhairle nan Leabhraichean cuibhreann de suas ri 30% de thabhartas foillseachaidh. Feumaidh cùmhnant a bhith air aontachadh eadar am foillsichear agus a’ Chomhairle mus faighte a’ chiad chuibhreann dhen mhaoin. Thèid an còrr dhen t-sùim a pàigheadh nuair a bhios an obair ann an clò, agus aon uair ’s gum faigh a’ Chomhairle dearbhadh mu na cosgaisean deireannach.

Gnèithean prìomhachais 2022-23

Ann an 2022-23, bidh Comhairle nan Leabhraichean gu sònraichte a’ sireadh thagraidhean anns na raointean a leanas:

  • Rosg agus ficsean co-aimsireil ann an cruth leabhair agus/no leabhair èisteachd agus/no leabhair-d;
  • Litreachas do dheugairean, gu h-àraidh air cuspairean ficsean eachdraidheil, ficsean saidheans no gaol;
  • Rannan cloinne sa Ghàidhlig bho thùs (litearachd nan tràth ìrean) do chloinn fo aois 5 bliadhna;
  • Ficsean sa Ghàidhlig bho thùs do chloinn suas gu 12 bliadhna a dh’aois;
  • Ficsean Gàidhlig freagarrach do luchd-ionnsachaidh inbheach;
  • Irisean/ràitheachain litreachais.

Thathar a’ toirt prìomhachas do sgrìobhadh a chaidh a chruthachadh sa Ghàidhlig bho thùs (i.e. nach deach eadar-theangachadh bhon Bheurla/ cànan sam bith eile) ach bithear fhathast, ge-tà, a’ measadh iarrtasan mu choinneamh iomadh seòrsa obrach. Ma bhios an stòras-maoin a’ fàs gann, thèid prìomhachas a thoirt do thagraidhean làidir anns na raointean gu h-àrd. Bidh prìomhachasan a thaobh gnèithean gan ath-sgrùdadh gach bliadhna.

Obair ealain

Dh’fhaodadh gum biodh taic ri fhaighinn airson dealbh còmhdaich tro thabhartasan foillseachaidh Chomhairle nan Leabhraichean.

Dh’fhaodadh gum biodh dealbhan, dealbhan-camara no obair ealain eile a tha a’ cur ri brìgh an teacsa airidh air taic tro thabhartas foillseachaidh cuideachd. Bu chòir do dh’fhoillsichearan a tha a’ sireadh cuideachadh le cosgais dhealbhan (m.e. còraichean foillseachaidh/cìsean cead no obair ealain/dealbhan-camara ùr) mion-fhiosrachaidh agus figearan a chur ris a’ chlàr-iarrtais airson tabhartas foillseachaidh, le tuairmse sgrìobhte na chois.

Chan eil obair ealain a tha na phàirt mhòr is bhunaiteach de phròiseact (m.e. leabhar stèidhichte air cruth comaig no nobhail grafaig) gu h-àbhaisteach freagarrach airson maoineachadh tro thabhartas foillseachaidh, ach dh’fhaodadh gum biodh e airidh air tabhartas barantais.

Chan eil dealbhan-beò a bhios neadaichte an lùib leabhraichean-dealain freagarrach airson maoineachadh tro thabhartasan Chomhairle nan Leabhraichean.

Eadar-theangachaidhean

Tha Comhairle nan Leabhraichean a’ toirt prìomhachas ri bhith a’ cur taic ri sgrìobhadh ùr agus tùsail a tha a-mhàin ann an Gàidhlig na h-Alba. Tha tagraidhean mu choinneamh cosgaisean foillseachaidh sgrìobhadh air eadar-theangachadh gu Gàidhlig na h-Alba bho chànain eile di-beathte cuideachd, ach gu h-àbhaisteach bidh an ìre de thaic nas ìsle na do stuth ga fhoillseachadh sa Ghàidhlig bho thùs. Bu chòir do dh’fhoillsichear a’ sireadh taic mu choinneamh cosgaisean eadar-theangachaidh beachdachadh air cur a-staigh airson tabhartas barantais.

Foillsichearan ùra

Tha Comhairle nan Leabhraichean airson foillsichearan ùra Gàidhlig a bhrosnachadh, agus dh’fhaodadh gum bitheamaid deònach beachdachadh air ìrean nas àirde de thaic (suas ri 100% de chosgaisean iomchaidh, air bhunait gach tiotal fa leth) airson a’ chiad dà thiotal le foillsichear ùr Gàidhlig. Bhiodh an taic seo an urra ri slatan-tomhais sònraichte a bhith air an coileanadh, a’ gabhail a-steach plana gnìomhachais mionaideach. Cuir fios ma tha thu am beachd a dhol an sàs ann am foillseachadh Gàidhlig – bhitheamaid toilichte cluinntinn bhuat.

Prògram foillseachaidh

Tha a’ Chomhairle a’ gabhail ri iarrtasan airson tiotalan fa leth, ach thathar gu h-àraidh deònach cuideachadh a thoirt do dh’fhoillsichearan a tha ag amas air barrachd air aon tiotal Gàidhlig fhoillseachadh taobh a-staigh 12 mìos anns a’ chiad dol-a-mach. Cuir fios ma ’s e foillsichear a th’ annad a tha a’ beachdachadh air prògram foillseachaidh a leasachadh.

Seasmhachd na h-àrainneachd

Tha Comhairle nan Leabhraichean a’ moladh gum bi clò-bhualadairean agus goireasan le teisteanas FSC air an cleachdadh, cho fad ‘s a bhios e comasach.


Tabhartasan Maoineachaidh (2022-23)

Tabhartasan barantais: 3 tabhartasan luach £6,850 gu h-iomlan

Tabhartasan foillseachaidh: 12 tabhartasan luach £15,284 gu h-iomlan

Gu h-iomlan 2022-23: £22,134 gu ruige seo


Gearainean

Ma tha thu dhen bheachd nach deach dèiligeadh ri do thagradh ann an dòigh chothromach, anns a’ chiad àite cuir brath gu:

John Storey, Ceannard Litreachais is Foillseachaidh

Comhairle nan Leabhraichean, 32 Sràid Achadh a’ Mhansa, Glaschu G11 5QP

Post-d

Fiosrachadh cudromach: feumaidh ath-thagradh sam bith ceangailte ri tabhartas-barantais neo tabhartas-foillseachaidh a bhith air a chur gu Comhairle nan Leabhraichean taobh a-staigh 14 latha às dèidh ceann-latha na litreach-tairgse bho Chomhairle nan Leabhraichean.

ÌRE 1
Cuiribh fiosrachadh mionaideach mun ath-thagradh agaibh ann an sgrìobhadh gu Ceannard an Roinn Litreachais is Foillseachaidh Chomhairle nan Leabhraichean. An cois sin, bu chòir iomradh a bhith air:
1. Ceann-latha an t-iarrtais agaibh
2. Ainm an leabhair/sgrìobhadair/na h-obrach
3. Fiosrachadh mionaideach air na rudan deatamach ceangailte ri co-dhùnadh Comataidh nan Tabhartas Chomhairle nan Leabhraichean a tha sibh airson a thogail

Thèid deiligeadh ris an ath-thagradh agaibh le Comhairle nan Leabhraichean taobh a-staigh 28 latha as dèidh do Chomhairle nan Leabhraichean an ath-thagradh sgrìobhte agaibh fhaighinn. Tha sin a’ ciallachadh gum bi coinneamh ann eadar Ceannard an Roinn Litreachais is Foillseachaidh agus Stiùiriche Chomhairle nan Leabhraichean agus thèid sùil mhionaideach a thoirt air an ath-thagradh agaibh. As dèidh na coinneamh, thèid co-dhùnadh a chur thugaibh taobh a-staigh 14 latha.

ÌRE 2
Mur eil sibh a’ gabhail ri co-dhùnadh an ath-thagraidh agaibh, feumaidh sibh fios a chur air ais gu Ceannard an Roinn Litreachais is Foillseachaidh Chomhairle nan Leabhraichean taobh a-staigh 14 latha as dèidh dhuinn co-dhùnadh an ath-thagraidh a chur thugaibh. An cois freagairt sam bith bhuaibh, feumaidh fiosrachadh sgrìobhte a bhith agaibh a’ mineachadh carson nach eil sibh ag aontachadh ri co-dhùnadh an ath-thagraidh.

Ma tha an gnothach fhathast iomchaidh, thèid e an uair sin chun a Bhòrd-Stiùiridh againn. Thèid innse dhuibh taobh a-staigh 14 latha, ann an sgrìobhadh, cuin a thèid deiligeadh ris aig ìre a’ Bhùird.


Ceistean a bharrachd?

Airson tuilleadh fiosrachaidh a thaobh tabhartasan barantais, cuir brath thugainn:

Fòn: 0141 337 6211

Post-d

Roinn Litreachais is Foillseachaidh

Comhairle nan Leabhraichean, 32 Sràid Achadh a’ Mhansa, Glaschu G11 5QP