A’ cur air dòigh tachartas

A bheil ùidh agad ann a bhith a’ cur air dòigh tachartas litreachais Gàidhlig no cur-air-bhog leabhair? ’S urrainn do Chomhairle nan Leabhraichean ur cuideachadh le bhith a’ toirt seachad fiosrachaidh air rudan mar bhathar-bog airson tachartasan air-loidhne agus le bhith a’ sanasachd an tachartais air na meadhanan sòisealta agus air a’ chuairt-litir againn. ’S dòcha gum bi sinn comasach taic-airgid a thoirt seachad airson cuideachadh le cosgaisean cuideachd. Cuir brath thugainn ron tachartas airson bruidhinn mu dheidhinn. Cuir fios gu Joe airson barrachd fiosrachaidh.