Sgoilearachd foillseachaidh 2022-23

Air fhoillseachadh: 16 Cèitean 2022 ann an Naidheachdan

Ùidh agaibh ann am foillseachadh Gàidhlig?

Sgoilearachd foillseachaidh maoinichte, ann an Gàidhlig na h-Alba, airson a’ chùrsa MLitt ann am Foghlam Foillseachaidh, Oilthigh Shruighlea, 2022-23.

Air a chur air dòigh le Comhairle nan Leabhraichean ann an co‑bhonn ri Ionad Shruighlea airson Foillseachadh is Conaltradh Eadar-nàiseanta ann an Oilthigh Shruighlea.

A’ tòiseachdain Sultain 2022, ann an Sruighlea fhèin.

Ma tha ùidh agaibh sa sgoilearachd seo, cuiribh brath gu John Storey.

Neo ma tha sibh airson tuilleadh fiosrachaidh mun chùrsa fhaighinn, thoiribh sùil air làrach-lìn Oilthigh Sruighlea an seo.

Bidh tuilleadh fiosrachaidh mun Sgoilearachd seo ga fhoillseachadh air làrach-lìn Chomhairle nan Leabhraichean aig deireadh a’ Chèitein 2022.