Ruaraidh MacThòmais: Bàrd, Foillsichear, Sgoilear

Air fhoillseachadh: 5 Samhain 2021 ann an Naidheachdan

B’ e Ruaraidh MacThòmais a’ chiad Chathraiche a bh’ aig Comhairle nan Leabhraichean (no an Comann Leabhraichean mar a bha air aig an àm ann) an 1968. ’S ann à Pabail Uarach ann an Leòdhas a bha e bho thus ach chuir e seachad a’ chuid as motha de a bheatha ann an Glaschu far an do ghabh e Cathair na Ceiltis aig Oilthigh Ghlaschu. Eadar teagasg, rannsachadh air bàrdachd agus litreachas na Gàidhlig, na leabhraichean is na h-irisean a dh’fhoillsich e tron chompanaidh Gairm, agus a’ bhàrdachd aige fhèin, rinn e barrachd na duine sam bith eile san dàrna leth den fhicheadamh linn gus sgrìobhadh agus foillseachadh sa Ghàidhlig a chur air adhart.

Am bliadhna, tha Comhairle nan Leabhraichean a’ comharrachadh ceud bliadhna bho rugadh Ruaraidh. Mar phàirt den phròiseact seo, tha sinn air dà fhilm a choimiseanadh stèidhichte air agallamhan le daoine a bha eòlach air. Tha Catrìona Mhoireach sa chathair airson na dà agallamh, le Gillie NicDhòmhnaill agus Iain MacCoinnich ann am Pàirt 1 agus Calum Greum agus Iain MacDhòmhnaill ann am Pàirt 2. Thoir sùil air na bhidiothan gu h-ìseal airson na sgeulachdan aca agus na dàin as fheàrr leotha le Ruaraidh a chluinntinn. Tha sinn a’ cur fàilte ortsa cuideachd an dàn as fheàrr leat fhèin innse dhuinn air na meadhanan sòisealta a’ cleachdadh an ‘hashtag’ #MacThomais100.