Coisir nan Gunna
Anndra A. Dunn
£9.99
Acair, 2013. 224 duilleag.
Is e 1940 a th’ ann, agus tha an cogadh ann an Eòrpa a’ dol gu làidir, le airmean Hitler a’ dèanamh ionnsaigh air gach dùthcha agus feum aig Breatainn agus an Fhraing seasamh nan aghaidh. Uill, sin a shaoil Uilleam MacLeòid nuair a chaidh e don arm, co-dhiù. Anns an Fhraing chan eil càil a’ tachairt, agus chan eil ann an cogadh Uilleam ach sàirdseantan fiadhaich, bully beef a-mach a tionaichean, a’ seasamh faire ann an trainnse airson uairean-a-thìde fada – agus sabaid ghoirid gheur bho àm gu àm. Chan e seo na bha e a’ sùileachadh bhon chogadh, ach ‘s dòcha gum fàsadh e cleachdte ris; mura biodh airmean a’ Ghearmailt ag ullachadh airson blitzkrieg mhòr ris nach eil an Fhraing neo Breatainn deiseil idir, agus a bheir Uilleam agus a charaideanh sios an rathad iargalta a tha a’ stad aig baile beag air oir-thìr na Frainge: Saint Valéry-en-Caux.
Tha nobhail Anndra Dunn a’ toirt cothrom do luchd-leughaidh ceum a ghabhail gu starsnaich linn eadar-dhealaichte. Air a rannsachadh ann an doimhneachd agus le gibht airson còmhradh beòthail, tha e mar sgàthan air beatha òigridh eileanach tron Darna Cogadh – iongantach air leth a’ tighinn bho pheann fear cho òg.
D. S. Moireach
Ri fhaighinn
Fiosrachadh

Leirmheasan
Chan eil leirmheasan ann fhathast.