Fiosrachadh
Acair, 2012. 296 duilleag.
Tha e follaiseach gu bheil Peigi Flòraidh NicDhòmhnaill air mòran toileachais a thoirt do chloinn sgoile le na dealbh-chluichean a tha ise agus iad fhèin air a bhith a’ cur ri chèile thar nam bliadhnaichean a bha i na neach-teagaisg sa bhun-sgoil.
Tha na sgrìobhaidhean aice èibhinn is tarraingeach, agus bheir iad misneachd sa chlasrum airson iomadh nì a leantainn, eadar seinn is gàireachdaich is fealla-dhà.
Tha iad cuideachd nam brosnachadh dhan chloinn agus dhan luchd-teagaisg abhith a’ cur dhealbh-chluichean air chois iad fhèin, no a bhith a’ cleachadh na tha san leabhar seo airson a dhol air àrd-ùrlaran.
Leirmheasan
Chan eil leirmheasan ann fhathast.