Na Duaisean Litreachais 2022 – Fosgailte do thagraidhean
Air fhoillseachadh: 3 Màrt 2022 ann an Naidheachdan
Tha Na Duaisean Litreachais 2022 fosgailte airson thagraidhean bho sgrìobhadairean agus foillsichearan Gàidhlig. Bidh duaisean rim faighinn airson leabhraichean a chaidh fhoillseachadh eadar 1 Cèitean 2021 agus 30 Giblean 2022 ann an diofar gnèithean litreachais:
• Bàrdachd – Duais Ruaraidh MhicThòmais, le taic bho Leabharlann Bàrdachd na h-Alba
• Ficsean – Duais Chomann Ghàidhealach Lunnainn
• Neo-fhicsean – Duais Dhòmhnaill Meek
• Clann/òigridh
A bharrachd air leabhraichean a tha ann an clò mar-thà, faodaidh sgrìobhadairean làmh-sgrìobhainnean neo-fhoillsichte do chloinn is do dh’inbhich a chur a-steach dhan fharpais. A thuilleadh air an duais, bidh cothrom aig ùghdar na làmh-sgrìobhainn as fheàrr do chloinn an leabhar aca a leasachadh ann an co-bhann leis an fhoillsichear Acair.
Is e 30 Giblean 2022 an ceann-latha airson thagraidhean. Gheibhear fios mu ciamar a chuirear a-steach agus riaghailtean na farpaise an seo. Thèid an luchd-buannachaidh ainmeachadh air 15 Sultain 2022.