Litir gu Glaschu
Air fhoillseachadh: 22 Iuchar 2022 ann an Naidheachdan
Tha sgeulachdan am falach air feadh Ghlaschu – ann an staran nan seann eaglaisean, ann an oisean na pàirce far a bheil ainm snaidhte air being, fo dhuslach san t-seada aig ceann a’ ghàrraidh, agus am measg nan seann dealbhan-camara sa bhogsa ud fon leabaidh. Ann am Bliadhna nan Sgeul, tha sinn ag iarraidh ort Litir gu Glaschu a sgrìobhadh mun sgeulachd fhalaichte agad fhèin, agus dh’fhaodadh tu £500 (inbhich) no £50 agus tiogaidean consairt (airson cloinne agus dhaoine òga) a bhuannachadh.
Is e 9 Sultain 2022 an ceann-là. Cuir an litir agad mar fhaidhle an cois post-d gu [email protected] le “Letter to Glasgow” mar thiotal.
Leugh na riaghailtean a leanas gu faiceallach mus cuir thu tagradh a-steach.
- Tha a’ cho-fharpais seo ga cur air dòigh le Glaschu Beò agus Comhairle nan Leabhraichean.
- Tha trì roinntean ann: a) do chloinn aois bun-sgoile; b) do dhaoine òga aois àrd-sgoile; agus c) do dh’inbhich.
- Faodaidh gach neach aon tagradh a-mhàin a chur a-steach.
- Feumaidh gach tagradh a bhith ann an Gàidhlig na h-Alba. Bidh na britheamhan a’ coimhead airson nam beachdan as fheàrr, agus cha bhi iad a’ peanasachadh tagradh far a bheil mearachdan litreachaidh no gràmair sa Ghàidhlig. Dh’fhaodadh an tagraidhean as fheàrr a bhith gan deasachadh mus tèid am foillseachadh.
- Feumaidh na tagraidhean a bhith: fo 500 facal airson inbheach, agus fo 250 facal airson thagraichean aois bun-sgoile no àrd-sgoile.
- Bu chòir tagraidhean a bhith ann an cruth Word, ceangailte ri post-dealain. Taobh a-staigh a’ phuist-d, cuiribh ur n-ainm, seòladh dachaigh, àireamh fòn agus an roinn den fharpais air a bheil iad ag amas (Bun-sgoil, Àrd-sgoil no Inbhich), ach cha bu chòir ur n-ainm no dad sam bith a bheireadh fios cò sibh a bhith san litir fhèin, bhon a bhios na tagraidhean air am breith gun fhios cò sgrìobh iad.
- Cuiribh tagradh gu [email protected] ro Dhihaoine 9 Sultain 2022. Cha ghabhar ri tagraidhean a thig an dèidh a’ chinn-latha sin.
- Nì triùir bhritheamhan co-dhùnadh air na tagraidhean a gheibh duais. Thèid pannal nam bitheamhan a thaghadh leis an dà bhuidhinn.
- Gheibh an luchd-buannachaidh fios le post-d air 23 Sultain 2022, agus thèid ainmean an luchd-buannachaidh foillseachadh air làraichean-lìn Ghlaschu Beò agus Chomhairle nan Leabhraichean air 23 Sultain 2022.
- Bheir an luchd-buannachaidh cead do Chomhairle nan Leabhraichean agus do Ghlaschu Beò an obair aca fhoillseachadh air làraichean-lìn na dà buidhne, agus ann an sanasan co-cheangailte, agus aontaichidh iad gun tèid an obair aca a thaisbeanadh aig tachartas air 19 Dàmhair 2022 aig a’ Mhòd Nàiseanta Rìoghail ann am Peairt. Mairidh an dlighe-sgrìobhaidh leis an ùghdar.
- Gheibh neach-buannachaidh farpais nan inbheach £500 agus thèid an litir aca fhoillseachadh anns an iris STEALL.
- Gheibh luchd-buannachaidh nam farpaisean do chloinn is do dhaoine òga eàrlas aison dà thiogaid gu tachartas aig Celtic Connections a tha fregarrach airson teaghlaich, agus eàrlas leabhraichean luach £50.