Job opportunity: Education Co-ordinator

Posted on 13 April 2023 in Latest News

Tuairisgeul Obrach: Co-òrdanaiche Foghlaim

Tiotal na Dreuchd Co-òrdanaiche Foghlaim
Ceann-latha Tuairisgeul Obrach 13 Giblean 2023
Ceann-latha airson Thagraidhean 08 Cèitean 2023
A’ freagairt gu Stiùiriche Chomhairle nan Leabhraichean
Àite-obrach 32 Sràid Achadh a’ Mhansa, Glaschu G11 5QP, no obair bhon taigh, a rèir suidheachadh an tagraiche
Tuarastail £24,000 làn-ùine, no pro rata aig 0.6 FTE
Fad cùmhnaint Aon bhliadhna: Lùnastal 2023 gu Iuchar 2024

 

Sealladh farsaing air an obair

Bidh an Co-òrdanaiche Foghlaim ag obair còmhla ri buill eile de sgioba Chomhairle nan Leabhraichean, agus le riochdairean bhuidhnean eile, gus amasan na roi-innleachd leughaidh againn a thoirt air adhart, agus gus taic a chumail ri Leugh is Seinn le Linda, cùrsaichean sgilean sgrìobhaidh agus eileamaidean eile den phrògram againn.

 

Prìomh dhleastanasan agus uallaichean

(1 gu 4 airson obair pàirt-ùine (0.6 FTE), 1 gu 6 airson obair làn-ùine)

  1. Iomairtean Chomhairle nan Leabhraichean, agus iomairtean ann an compàirteachas le diofar bhuidhnean eile, a cho-òrdanachadh gus amasan na roi-innleachd leughaidh a thoirt gu buil.
  2. Dàimhean a thogail leis na leughadairean a leanas:
  • buidhnean leughaidh, buidhnean ionnsachaidh inbheach agus buidhnean coimhearsnachd eile
  • sgoiltean agus tidsearan
  • buidhnean Pàrant is Pàiste, cròileagan, luchd-lìbhrigidh Bookbug agus daoine eile ag obair le clann fo aois sgoil
  1. Rianachd a cho-òrdanachadh airson Leugh is Seinn le Linda, a’ conaltradh le sgoiltean is buidhnean eile, a’ cur sheiseanan air dòigh agus a’ cumail smachd air a’ chlàr-ama, buidseat agus teachd-a-steach.
  2. Cothroman a lorg a bhith a’ reic leabhraichean aig tachartasan fo phuingean 1, 2 agus 3 gu h-àrd.

Agus ma tha an neach seo ag obair làn-ùine:

  1. Cùrsaichean sgilean sgrìobhaidh, deasachaidh agus gràmair a shanasachadh gu margaidhean ùra, gu h-àraid tidsearan agus ùghdarrasan ionadail.
  2. Rannsachadh a dhèanamh am measg nan diofar bhuidhnean gu h-àrd gus beachdan a thrusadh air cleachdaidhean leughaidh, dè tha a’ còrdadh ri daoine agus dè tha a dhìth orra.

Ghabhadh cuid de na dleastanasan seo atharrachadh a rèir nan diofar sgilean agus neartan pearsanta a th’ aig an tagraiche shoirbheachail.

 

Sgilean/Eòlas riatanach
  • Gàidhlig fhileanta agus comas leughaidh is sgrìobhaidh sa Ghàidhlig agus sa Bheurla
  • ùidh mhòr ann an leughadh agus litreachas na Gàidhlig
  • sàr-sgilean eadar-phearsanta agus conaltraidh labhairt
  • sàr-sgilean obair rianachd, planaidh agus conaltraidh sgrìobhte
  • sgilean IT, a’ gabhail a-steach bathar-bog Word, Excel agus Teams
  • eòlas air conaltradh air na meadhanan sòisealta
  • eòlas air coinneamhan/tachartasan a chur air dòigh agus a stiùireadh
  • sùbailteachd a bhith a’ siubhal agus ag obair aig uairean eadar-dhealaichte (le rabhadh iomchaidh)
  • cead-dràibhidh, cothrom air càr, agus comas air siubhal air feadh na h-Alba

 

Sgilean/Eòlas eile a bhiodh math
  • eòlas air teagasg, obair le clann/òigridh, no leasachadh leughaidh
  • eòlas air ruigsinneachd agus co-ionannachd
  • eòlas air obair rannsachaidh
  • eòlas air làimhseachadh buidseat

 

Cùmhnantan Seirbheis san Fharsaingeachd
  • Bidh an tuarastal airson na dreuchd seo £24,000 làn-ùine no pro rata aig 0.6 FTE.
  • Mairidh an cùmhnant aon bhliadhna, bhon Lùnastal 2023 dhan Iuchar 2024.
  • Gheibh an neach-obrach 25 làithean fòrlaidh sa bhliadhna.
  • Tha sgeama peinnsein (QWPS) aig Comhairle nan Leabhraichean agus thèid an neach san dreuchd a chlàradh air an sgeama seo.
  • Tha uairean-obrach àbhaisteach eadar 09.00 agus 17.00 Diluain gu Dihaoine airson obair làn-ùine, ach le tomhas de shùbailteachd ann airson thachartasan taobh a-muigh uairean na h-oifise agus tìde dheth mu choinneamh obair air an fheasgar no aig an deireadh-sheachdain. Thèid clàr-ama airson obair phàirt-ùine aontachadh a rèir suidheachadh an tagraiche shoirbheachail.
  • Tha oifis Chomhairle nan Leabhraichean aig 32 Sràid Achadh a’ Mhansa an Glaschu, ach dh’fhaodadh an neach seo a bhith stèidhichte ann an àite sam bith agus ag obair bhon taigh.
  • Thèid cosgaisean siubhail agus àite-fuirich a tha ag èirigh don neach-obrach ann an co-cheangal ri obair na buidhne a phàigheadh air ais dhaibh, a’ gabhail a-steach cosgaisean gach mìle a dhràibheas iad sa chàr aca fhèin.
  • Bidh an Co-òrdanaiche Foghlaim a’ freagairt don Stiùiriche.
  • Faodaidh an dreuchd a toirt gu crìch air taobh seach taobh, le brath aon mhìos a thoirt seachad. Bu chòir gur e mìos slàn a bhiodh an seo, a’ fàgail às saor-làithean.
  • Cuirear a-mach cunnradh cosnaidh mionaideach chun an tagraiche shoirbheachail.

 

Tagraidhean

Bu chòir tagradh airson na h-obrach le làn-chunntas beatha (CV) a chur a-steach, agus litir a’ mìneachadh carson a tha thu freagarrach airson na dreuchd seo agus mar a chuireas tu ri obair is lèirsinn Chomhairle nan Leabhraichean.

Bu chòir ainmean dithis luchd-taic a chur ri na tagraidhean, ris am faod sinn dèiligeadh airson tuilleadh fiosrachaidh ma thèid agallamh a thairgsinn dhut.

Is e 5.00f air Diluain 08 Cèitean 2023 an latha deireannach airson tagraidhean. Bu chòir an cur gu:

Alison Lang, Stiùiriche, Comhairle nan Leabhraichean
32 Sràid Achadh a’ Mhansa
Glaschu G11 5QP

no gu [email protected]

Tha tuilleadh fiosrachaidh mu Chomhairle nan Leabhraichean ri fhaotainn aig: www.gaelicbooks.org