Iomairt nan Clach – dàn le Rody Gorman
Air fhoillseachadh: 29 Giblean 2022 ann an Naidheachdan
Iomairt nan Clach
Shiubhail mi san Fhaoilinn leam fhìn gun bhacadh
Agus gaoth bhon ear a’ sracadh
Is faram nan tonn mu na sligean air a’ mhol
Bucha Makariv Mariupol
Far an cuireadh iad air iomairt nan clach
Kolomyya Bakhchysarai Backmach
Och ann an linn cogadh nan con
Hi ri ri Kharkiv Kherson
Is och nach b’ iad na fir
Kalush Poltava Staryi Sambir.
Chì mi na h-ògain air a’ Chnoc thall gam bogadh
Ò nàili bho hò ’s na h-iseanan a’ gnogadh
Agus fo mo spòig an talamh bog
Mar bhlàr-mòna Kiliia Krivoy Rog
Is chì mi tè san sgàilean bhuam thall
Air m’ ais air a’ Chruard is fuil air a sgall
Agus na cuirp a’ fàs grod
Kaharlyk Tulchyn Myrhorod
Anns a’ bhuachar, a Dhia,
Chall èile Kaniv Zaporizhzia.