Fiosrachadh
Urras Coimhearsnachd Bhràdhagair agus Àrnoil, 2017. Mapa.
Ainmean-Àite Bhràdhagair agus Arnoil
Tha am beartas de dh’ainmean-àite ann am Bràdhagair is Àrnol follaiseach anns a’ mhapa seo. Tha Anne Chaimbeul air obair ionmholta a dhèanamh thairis air grunnd bhliadhnachan a’ cruinneachadh is a’ clàradh ainmean an dà bhaile is an sgìre mun cuairt orra, tro na pròiseactan: A-mach an Gleann (2007), Tìr mo Rùin (2013), Digital Memory (2014) agus Cuimhneachain Sgrìobhte (2016).
Tha toradh na h-obrach sin ri fhaicinn sa mhapa seo, ach chan eil an obair deiseil fhathast. Bhiodh Urras Coimhearsnachd Bhràdhagair agus Àrnoil toilichte cluinntinn bhuaibh ma tha ainmean ùra no fiosrachadh eile agaibh.
Leirmheasan
Chan eil leirmheasan ann fhathast.