Fiosrachadh
Birlinn, 2014. 356 duilleag. Còmhdach cruaidh.
Taghadh de dh’òrain is de dhàin le Niall MacLeòid (c.1845-1913) ‘The Bard of Skye’, a bhràthair Iain Dubh (1847-1901), agus an athair Dòmhnall nan Òran (1787-1872).
“Nuair a philleas rinn an samhradh,
Bidh gach doire ‘s crann fo chròic;
Na h-eòin air bhàrr nam meanglan
Dèanamh caithreim bhinn len ceòl;
A’ chlann bheag a’ ruith le fonn
Mu gach tom a’ buain nan ròs
B’ e mo mhiann a bhith san àm sin
Anns a’ ghleann san robh mi òg.”
Niall MacLeòid, “An Gleann san Robh Mi Òg”






Leirmheasan
Chan eil leirmheasan ann fhathast.