Fiosrachadh
Dealbhan le Stephen Cartwright.
Bheir an deasachadh às ùr seo de Facail agus Dealbhan tlachd agus misneachd do chlann fhad 's a tha iad ag ionnsachadh faclan a leughadh airson a' chiad uair.
Tha dealbh mionaideach de gach facal, le litreachadh an fhacail fodha, air a thoirt seachad an cois nan dealbhan mòra. Tha seo a' toirt misneachd dhan chloinn an dealbh agus am facal a chur còmhla, ga dhèanamh furasta facail ùra ionnsachadh agus togail air na facail a dh'aithnicheas iad mu thràth. Lorgaidh iad rudan cumanta air an cuir iad ainm, suidheachaidhean air am bruidhinn iad agus cothroman dèanamh a-mach an ath rud a thachras.
Cuideachd tha cothrom ann a bhith a' cunntadh is a' maidseadh.
Leirmheasan
Chan eil leirmheasan ann fhathast.