Fiosrachadh
Acair, 2007. 95 duilleag.
Anns an leabhar seo, tha deilbh air an toirt cruinn a thog Robert Adam anns na h-Eileanan an Iar, eadar a’ chiad fheadhainn ann am Miughalaigh, ann an 1905, agus à sin a Bharraigh anns na bliadhnaichean às dèidh sin, gus na ràinig e na Hearadh ’s a-null dhan Scarp ann an 1937. Bha sin a’ bhliadhna mus deach e a Leòdhas (faic Cas-cheum an Leòdhas, 2006, Acair). Tha saidhbhreas dhealbh air an cruinneachadh an seo, a’ dearbhadh cho buileach sgileil, siùbhlach ’s a bha an dealbhaiche seo air àite ’s air sluagh a ghlacadh – agus sin ann am priobadh na sùla.
Leirmheasan
Chan eil leirmheasan ann fhathast.