Fiosrachadh
CLÀR, 2018. 62 duilleag. Còmhdach Bog.
A bharrachd air cho measail ’s a tha e air seann tractairean, tha iomadach tachartas sa bheatha aig Murchadh Peutan air an innse an seo ann an dòigh inntinneach, aotrom – bho òige san Eilean Sgitheanach, ag obair air a’ phoileas an Glaschu, a’ teagasg ann an sgoil an Ceinia agus eile.
Ann an 1964, chaidh e gu roinn saidheans nam poileas agus, aig an àm sin, “bha an t-seirbheis saidheans ann an Glaschu a’ dèanamh obair do na feachdan poilis air feadh Alba”. Nuair a thòisich e air teagasg ann an Àrd-sgoil Phort Rìgh, ’s ann tro mheadhan na Gàidhlig a bha e a’ teagasg Saidheans agus Matamataig, obair a chòrd ris gu mòr.
Aithnichear gu bheil mòran eòlais aig Murchadh cuideachd air tachartasan annasach ann an eachdraidh an Eilein Sgitheanaich.
Leirmheasan
Chan eil leirmheasan ann fhathast.