Fiosrachadh
Island Book Trust, 2013. Còmhdach cruaidh.
‘An luib na fichead cluicheadair as fheàrr a bh’ aig Celtic riamh’ agus ‘an cluicheadair as coileanta a chunna mi riamh’ – dìreachd beagan dhe na chaidh a ràdh mu Chalum Dòmhnallach a dh’èirich a-mach à bochdainn ann an Uibhist a Deas agus Garngad gu bhith air a mheas mar fhear dhe na cluicheadairean as fheàrr ann an eachdraidh Celtic. Mar phrìomh chluicheadair san ‘Sgioba Òir’ a ghlèidh Cuach Taisbeanaidh na h-Ìmpireachd ann am bliadhna lubalaidh a’ chlub ann an 1938, chluich Calum anns a h-uile àite ach a-mhàin neachd-gleidhidh sa chiad sgioba aig Celtic mus deach e air adhart gu bhith na mhanaidsear soirbheachail aig Cille Mheàrnaig (dà thuras), Brentford agus greiseag airson Alba. Bho fhreumhan iriosal anns na h-Eileanan Siar tha an leabhar seo ag innse stòiridh fear de Rionnagan Caillte ball-coise na h-Alba a choisicheadh a-steach do sgioba Celtic sam bith, fiù ‘s sgioba iomraiteach nan Lisbon Lions aig Jock Stein.
Leirmheasan
Chan eil leirmheasan ann fhathast.