From Small Lochs To Great Lakes: The Remarkable Story of a First World War Soldier, Sailor, and South Uist Crofter

Donald MacDonald / Dòmhnall Ghilleasbuig Sorcha

£15.95

‘S e fèin-eachdraidh a tha seo de bheatha iomlan, inntinneach agus ‘s e sgeul luachmhor a tha seo a bhios a’ cur ri eachdraidh shòisealta Uibhist is nan Gàidheal Albannach.

ISBN: 2330 Seòrsa:

ISBN: 9781910205822

Foillsichear: FOR THE RIGHT REASONS

Ceann-latha foillseachaidh: 22 Iuchar 2016

Ri fhaighinn

Fiosrachadh

For the Right Reasons, 2016.  312 duilleag.

Sa Bheurla a-mhàin.

Rugadh Dòmhnall Ghilleasbuig Sorcha ann an Uibhist a Deas ann an 1897 agus bha e na shaighdear rè a’ Chogaidh Mhòir air fad. Às dèidh làimhe, bha e na sheòladair agus na thuathanach ri taobh nan Lochan Mòra ann an Canada. Às dèidh sin, dh’fhuirich e anns na Stàitean Aonaichte rè an “Airtneil Mhòir” (The Great Depression), rinn e seirbheis anns a’ Chabhlach Mharsantach aig toiseach an Dàrna Cogaidh, agus dh’obraich e anns na gàrraidhean-iarainn ri taobh Abhainn Chluaidh mus do thill e a dh’Uibhist far an do thog e taigh agus còignear den t-sianar chloinne aige às dèidh bàs a mhnà, Màiri Anna.

'S e fèin-eachdraidh a tha seo de bheatha iomlan, inntinneach agus 's e sgeul luachmhor a tha seo a bhios a’ cur ri eachdraidh shòisealta Uibhist is nan Gàidheal Albannach.

Leirmheasan

Chan eil leirmheasan ann fhathast.

Show only reviews in Gàidhlig (0)

Be the first to review “From Small Lochs To Great Lakes: The Remarkable Story of a First World War Soldier, Sailor, and South Uist Crofter”

Your email address will not be published.