Fiosrachadh
Grace Note Publications, 2014. 210 duilleag.
Ann an 1942 chaidh Ethel NicChaluim a ghlusad à taigh dhilleachdan ann an Glaschu a dh’Eilean Thiriodh far an do fhàs i fileanta sa Ghàidhlig agus far an do shùigh i pailteas dualchais. Chaidh an ceòl agus an t-seinn a bh’ innte gu nàdarra a bhrosnachadh, agus rinn i ceòl agus òrain ann an Gàidhlig is ann am Beurla.
Ged a bhios luchd-ciùil ainmeil a’ cluich nam pìosan aice, cha deach an obair thùsail aice fhoillseachadh no a chur fo chòraichean. ‘S e eachdraidh beatha, a tha inntinneach agus drùidhteach, cuide ris na h-òrain agus ris a’ cheòl aice, cuspair an leabhar seo agus CD, a tha cuideachd ag amas air taic a chur ris a’ Ghàidhlig agus cuideachadh le bhith a’ gleidheadh dualchas na Gàidhlig ann an ceòl is ann an òrain.
Michael –
Informative book about a resilient gifted person. I very much enjoyed the poetry and music. Fine book’s contents with Scottish Gaelic / English bilingual prose text, black and white photos , text of the songs, translations of the songs and staves of the music.