Fiosrachadh
Acair, 2019. 257 duilleag.
Stèidhichte air an t-sreath rèidio shoirbheachail, ‘Eadar Dà Shaoghal’, tha sgeulachdan Dhòmhnaill MhicLeòid a’ dealbhadh gu drùidhteach na chunnaic, na chuala is na dh’fhairich e na bhalach beag ann an Eilean Bheàrnaraigh Leòdhais. Eadar an Nollaig, ulla-thruis na faing, bò air chuthach, annas a’ chiad latha san sgoil, agus sìth bhith-bhuan mòinteach Chirceaboist, tha an sgrìobhadair air blàths is gàire is bròn na coimhearsnachd a thug uiread buaidh air a bheatha a thoirt beò a-rithist.
Tha Dòmhnall MacLeòid aithnichte mar saic-eòlaiche, ach bidh luchd-èisteachd BBC Radio nan Gàidheal cuideachd gu math eòlach air a ghuth.
Sa Ghàidhlig, le eadar-theangachadh Beurla mu choinneamh.
Leirmheasan
Chan eil leirmheasan ann fhathast.