Fiosrachadh
CLÀR, 2019. 79 duilleag.
*Air Geàrr-liosta Duais Dhòmhnaill Meek 2017*
Eachdraidh Beatha agus Taghadh de Stòiridhean is Rannan
Nach math gun robh daoine a chaidh am bogadh ann am beul-aithris agus eòlas mun choimhearsnachd aca fhèin, mar a bha Ceit Dix ann am Beàrnaraigh, deònach na sgeulachdan ‘s an eachdraidh a chual’ iad a sgaoileadh nar measg.
Fhuair Ceit an cothrom sin a dhèanamh nuair a bha Iain Peatarson, e-fhèin à Beàrnaraigh, ag obair an Sgoil Eòlais na h-Alba. Chaidh mòran dhen stuth a chlàr e bhuaipe a chur an uair sin ann an Tobar an Dualchais. Tha Alison, ogha Ceit, air taghadh ùidheil dheth a thoirt dhuinn agus dàin a rinn Ceit cuideachd.
Tha mar a sgrìobh Alison san ro-ràdh mu a seanmhair a’ sealltainn an t-seòrsa beatha a bh’ aice agus an seòrsa coimhearsnachd a bh’ ann. Tha sin agus dealbhan teaghlaich agus caraidean Ceit a’ cur gu mòr ris an tlachd a gheibh an leughadair às an leabhar seo.
Leirmheasan
Chan eil leirmheasan ann fhathast.