Fiosrachadh
Acair, 2016. 382 duilleag. Còmhdach bog.
Ghabh Maureen NicLeòid bliadhna dheth gus cuairt a chur air an t-saoghal agus tha an cunntas dealbhach, beothail, èibhinn aice gar toirt a choinneachadh ri iomadh caractar àraid agus sealladh iongantach air an t-slighe. Eadar strì ri boireannaich eagalach Trèana an Trans-Mongolian, fuireach ann an yurt ann am Mongolia, danns an Tango ann an Argentina no trod ri dràibhearan tagsaidh anns a h-uile h-àite, chì sinn iomadh ceàrnaidh – cuid àlainn mar Eas Niagara, agus cuid aognaidh mar raointean bàsmhor Chambodia – tro shùil gheur an ùghdair, agus cha leig sinne a leas fiù èirigh bhon an t-sòfa!
Leirmheasan
Chan eil leirmheasan ann fhathast.