Fiosrachadh
Scottish Gaelic Texts Society, 2023. 678 duilleag. Còmhdach cruaidh.
Bhuineadh Iain Mac a’ Ghobhainn (1928-98), neo Iain Crichton Smith sa chànan eile, do Phabail Uarach ann an Eilean Leòdhais. B’ e sgrìobhadair air leth cliùteach, ioma-fhillte agus dripeil a bh’ ann, a rinn bàrdachd, rosg agus dealbhan-cluiche an dà chuid ann an Gàidhlig agus Beurla. Tha Iain MacDhòmhnaill agus Moray Watson air na sgeulachdan goirid a sgrìobh Mac a’ Ghobhainn ann an Gàidhlig a thrusadh ri chèile an seo airson a’ chiad uair. ’S e euchd nach beag a tha sin leis gun do nochd na 116 sgeulachdan Gàidhlig seo ann an iomadh foillseachan eadar-dhealaichte eadar phàipearan-naidheachd, chruinneachaidhean agus irisean thar dà fhichead bliadhna. Nochd a’ chiad sgeulachd ann an clò ann an 1953 agus an tè mu dheireadh ann an 1992.
Bheir an cruinneachadh ùr seo an cothrom do dhaoine grèim fhaighinn gu furasta air na sgeulachdan goirid uile sa Ghàidhlig ann an dòigh nach robh air chomas do mhòran roimhe. Tha saothair an luchd-deasachaidh a’ fàgail gun gabh breithneachadh litreachais nas coileanta a dhèanamh air sgrìobhadh Mhic a’ Ghobhainn anns an dà chànan.
’S e stòras a tha seo a tha beairteach dha-rìribh. Chuir an luchd-deasachaidh na sgeulachdan ann an òrdugh cuspaireil dhuinn a tha a’ cur dhachaigh oirnn na bha a’ piobrachadh mac-meanmna Mhic a’ Ghobhainn air cothlamadh a dhèanamh eadar drùidhteachd, eirmseachd agus iomadh faireachdainn eile. Chaidh aige sna sgeulachdan goirid seo air cuireadh a thoirt don leughadair meòrachadh a dhèanamh air nàdar mhic an duine ann an sgrìobhadh a tha teann, sgiobalta, taitneach.
Leirmheasan
Chan eil leirmheasan ann fhathast.