Gairm

Tòmas MacAilpein & Roibeard Ó Maolalaigh

£35.00

’S e Gairm prìomh ràitheachan Gàidhlig an 20mh linn.

ISBN: 2879 Seòrsa:

ISBN: 9781527246072

Foillsichear: University of Glasgow

Ceann-latha foillseachaidh: 18 Faoilleach 2022

Ri fhaighinn

Fiosrachadh

Clò Oilthigh Ghlaschu, 2022. Còmhdach cruaidh. 676 duilleag.

’S e Gairm, a mhair bho 1952 gu 2002, prìomh ràitheachan Gàidhlig an 20mh linn. Chùm e a’ dol cho fada, gu ìre mhòir, air sgàth saothair a chuid dheasaichean: Fionnlagh I. MacDhòmhnaill, eadar 1952 is 1964; Dòmhnall Iain MacLeòid, eadar 1966 is 1976; agus Ruaraidh MacThòmais, a bha aig an stiùir bhon toiseach gus an tàinig e gu crìch. Thàinig grunn sheòrsaichean de sgrìobhadh agus de dh’obair-ealain fo bhlàth ann an Gairm, gu seachd àraid nuadh-bhàrdachd agus sgeulachdan goirid.

Tha an leabhar-fiosrachaidh seo ag amas air an stòras gun choimeas a bh’ ann an Gairm fhosgladh às ùr dhaibhsan a bha eòlach air an ràitheachan, ach cuideachd do ghinealaichean ùra de leughadairean agus sgoilearan.

Tha an leabhar na dhà phàirt. Sa chiad chuid, Àireamhan an Ràitheachain, tha clàr-innse de gach àireamh, is bha dà cheud ann air fad. San dàrna cuid, Ùghdaran agus Com-pàirtichean Eile, gheibhear clàr-amais de dh’ainmeannan.Tha ainmeannan nan com-pàirtichean, a’ tòiseachadh leis a’ chinneadh, agus tiotalan nan inntrigidhean a chuir iad ri Gairm air an seòrsachadh a rèir na h-aibideil.

Gheibhear cuideachd Ro-ràdh le Raghnall MacilleDhuibh anns a bheil cunntas air eachdraidh an ràitheachain agus air an àite shònraichte a bha aige ann an litreachas nan Gàidheal.

Leirmheasan

Chan eil leirmheasan ann fhathast.

Show only reviews in Gàidhlig (0)

Be the first to review “Gairm”

Your email address will not be published.