Astar: Glen Tolsta

Iseabail Mhoireach

£15.00

FARAM, 2012. 63 duilleag.

Leabhar àlainn a tha stèidhichte air taisbeanadh a chaidh a shealltainn anns An Lanntair, Steòrnabhagh anns a' Ghearran agus a' Mhàirt 2012.
Tha obair le Iseabail Mhoireach, Anna Chaimbeul agus Màiri Mhoireasdan anns an leabhar, agus tha aiste ann le Catrìona Mhoireach. Tha DVD ann cuideachd air a bheil fiolm goirid, Rathad a' Ghlinne

"ASTAR – pròiseact a tha a’ meòrachadh air a bhith ‘air astar’ tro thìm gus eachdraidh còig teaghlaichean a dh’ fhàg na dachaighean aca ann an sgìre na Pàirce ann an Leòdhas ann an 1843 a lorgachadh as ùr. Thog iad dachaighean ùra dhaibh fhèin ann an Gleann Tholastaidh, àite a bha fàs aig an àm. Ged a shoirbhich leotha ann a bhith a’ stèideachadh coimhearsneachd làidir chaidh a’ choimhearsneachd seo cha mhòr a-mach a bith as deidh an dàrna cogaidh, direach beagan ghinealachan as deidh dhan chiad ‘Ghleannaich’ tighinn ann. ‘S e a bhith a’ sìreadh tùs coimhearsneachd Ghleann Tholastaidh agus a’ dèanamh sgrùdadh air cò leis sinn agus cò às an tàinig sinn a thug toiseach dhan taisbeanadh seo. Tha an t-àite fhèin ag obair mar bhùthal airson obair an luchd-ealain a thàinig còmhla airson a’ phròiseact agus tha na freagairtean ealain fa leth aca a’ nochdadh nan ceanglaichean eadar-fhìllte a tha ri lorg ann an eachdraidh teaghlaich eileanaich."

Airson barrachd fiosrachaidh, faic www.iseabailmhoireach.com

ISBN: 1794 Seòrsa:

Foillsichear: FARAM

Ceann-latha foillseachaidh: 24 Gearran 2012

Chan eil gin air fhàgail againn.

Fiosrachadh

FARAM, 2012. 63 duilleag.

Leabhar àlainn a tha stèidhichte air taisbeanadh a chaidh a shealltainn anns An Lanntair, Steòrnabhagh anns a’ Ghearran agus a’ Mhàirt 2012.
Tha obair le Iseabail Mhoireach, Anna Chaimbeul agus Màiri Mhoireasdan anns an leabhar, agus tha aiste ann le Catrìona Mhoireach. Tha DVD ann cuideachd air a bheil fiolm goirid, Rathad a’ Ghlinne

“ASTAR – pròiseact a tha a’ meòrachadh air a bhith ‘air astar’ tro thìm gus eachdraidh còig teaghlaichean a dh’ fhàg na dachaighean aca ann an sgìre na Pàirce ann an Leòdhas ann an 1843 a lorgachadh as ùr. Thog iad dachaighean ùra dhaibh fhèin ann an Gleann Tholastaidh, àite a bha fàs aig an àm. Ged a shoirbhich leotha ann a bhith a’ stèideachadh coimhearsneachd làidir chaidh a’ choimhearsneachd seo cha mhòr a-mach a bith as deidh an dàrna cogaidh, direach beagan ghinealachan as deidh dhan chiad ‘Ghleannaich’ tighinn ann. ‘S e a bhith a’ sìreadh tùs coimhearsneachd Ghleann Tholastaidh agus a’ dèanamh sgrùdadh air cò leis sinn agus cò às an tàinig sinn a thug toiseach dhan taisbeanadh seo. Tha an t-àite fhèin ag obair mar bhùthal airson obair an luchd-ealain a thàinig còmhla airson a’ phròiseact agus tha na freagairtean ealain fa leth aca a’ nochdadh nan ceanglaichean eadar-fhìllte a tha ri lorg ann an eachdraidh teaghlaich eileanaich.”

Airson barrachd fiosrachaidh, faic www.iseabailmhoireach.com

Leirmheasan

Chan eil leirmheasan ann fhathast.

Show only reviews in Gàidhlig (0)

Be the first to review “Astar: Glen Tolsta”

Your email address will not be published. Required fields are marked *