Fiosrachadh
CLÀR, 2004. 144 duilleag. Còmhdach bog.
Cruinneachadh sgeulachdan a th’ againn an seo, ach tha n ah-aon phearsachan a’ sìor nochdadh, is tha an leabhar coltach ri nobhail aig an aon àm.
‘S e am fear a tha a’ toirt ainm dhan leabhar as trice a chì sinn, agus chan ainneamh leis a bhith ann an suidhichidhean ùidheil is neo-àbhaisteach. Tha fear Dòmhnall Iain ann cuideachd, is leanaidh sinn a chùrsa-san tron leabhar, agus feadhainn annasach eile, gu h-àraid an Sgeilbheag (‘s a bhrògan donna) ‘s an Sleapan. Mean air mhean, tha eachdraidh nan daoine sin ga nochdadh, agus ‘s ann a’ sìor mheudachadh a tha an t-eòlas a th’ againn orra fhèin is air an t-saoghal aca.
Tha an saoghal sin caochlaideach cuideachd: saoghal Nis a th’ ann uaireannan, le cuan is mòinteach is buntàta is cailleachan is bàrdachd; uaireannan eile, ‘s e saoghal seunta, le prionnsaichean is draoidheachd is brògan a nì cainnt! Ach ge b’ e air bith dè an suidheachadh, tha an sgrìobhadh brìoghmhor, siùbhlach, eirmseach. Bheir an leabhar seo an dà chuid gàire is smaoin oirnn.
Leirmheasan
Chan eil leirmheasan ann fhathast.