Cuibhle an Fhortain

Mòrag Law

£7.99

Luath Press. 192 duilleagan.

An Dàn caochladach, dìomhair is uaireanan gu math cruaidh. Cò nar measg nach do dh fhuiling buaidh An Dàn air ar beatha? Bho fàsaichean Àstrailia gu na h-Innse Gall, bho taigheadas seann dhaoine gu casino anns a bhaile mhòr tha an cruinneachadh seo a sealltainn dhuinn làmh An Dàin ag obair ann am beathannan agus anns na dàimhean caochladh charactaran. Buidheann sgrìobhadairean ag ionnsachadh leasan ùr iongantach , cupall a dèiligeadh ri laigse na h-aoise. Pàrantan a strì ri thuigsinn inbheachd ùr an nighean ,fear a dèanamh bargan nach eil ag obrachadh a-mach ann an dòigh san robh dùil aige. Ann an cuid de na sgeulachdan bidh caractaran a tachradh ris An Dàn ann an cumadh strainnsear no neach-tadhail aig nach robh dùil aca. Tha sgeulachdan ann far a bheil An Dàin a tighinn am follais ann an tachartasan sònraichte agus cuid eile far a bheil caractaran a feuchainn ri cothachadh leis a bhuaidh s a tha An Dàin a fàgail orra bho na làithean a dhfhalbh. Gu tric bi iad gar fàgail le ceistean mun àm ri teachd, s iad uile a cuir cuideam air dè cho mi-chìnnteach s a tha beatha mac an duine, far nach eil fhios aig duin againn dè tha air thoisich oirnn.

ISBN: 9781913025311 Seòrsa:

ISBN: 9781913025311

Foillsichear: Luath Press

Ceann-latha foillseachaidh: 17 Dùbhlachd 2019

Ri fhaighinn

Fiosrachadh

Luath Press. 192 duilleagan.

An Dàn caochladach, dìomhair is uaireanan gu math cruaidh. Cò nar measg nach do dh fhuiling buaidh An Dàn air ar beatha? Bho fàsaichean Àstrailia gu na h-Innse Gall, bho taigheadas seann dhaoine gu casino anns a bhaile mhòr tha an cruinneachadh seo a sealltainn dhuinn làmh An Dàin ag obair ann am beathannan agus anns na dàimhean caochladh charactaran. Buidheann sgrìobhadairean ag ionnsachadh leasan ùr iongantach , cupall a dèiligeadh ri laigse na h-aoise. Pàrantan a strì ri thuigsinn inbheachd ùr an nighean ,fear a dèanamh bargan nach eil ag obrachadh a-mach ann an dòigh san robh dùil aige. Ann an cuid de na sgeulachdan bidh caractaran a tachradh ris An Dàn ann an cumadh strainnsear no neach-tadhail aig nach robh dùil aca. Tha sgeulachdan ann far a bheil An Dàin a tighinn am follais ann an tachartasan sònraichte agus cuid eile far a bheil caractaran a feuchainn ri cothachadh leis a bhuaidh s a tha An Dàin a fàgail orra bho na làithean a dhfhalbh. Gu tric bi iad gar fàgail le ceistean mun àm ri teachd, s iad uile a cuir cuideam air dè cho mi-chìnnteach s a tha beatha mac an duine, far nach eil fhios aig duin againn dè tha air thoisich oirnn.

1 review for Cuibhle an Fhortain

  1. Alison

    Tha na sgeulachdan aig Mòrag Law cho furasta a leughadh agus gu math freagarrach airson luchd-ionnsachaidh, ach chan eil sin ri ràdh gu bheil iad idir ro shìmplidh don leughadair a tha fileanta. Tha iomadh chuspair inntinneach agus caractar annasach a’ nochdadh sna sgeulachdan seo, cuid dhiubh a’ toirt dhuinn grad-dhealbh air dòighean-beatha nach aithnich sinn agus cuid a’ riochdachadh suidheachaidhean air a bheil sinn uile eòlach, agus anns a h-uile sgeul tha car air choreigin a tha a’ dearbhadh gu bheil an saoghal seo caochlaideach agus nach urrainn dhuinn smachd a chumail air a h-uile rud a dh’èireas dhuinn.

Show only reviews in Gàidhlig (1)

Add a review

Your email address will not be published. Required fields are marked *