Fiosrachadh
Acair, 2014. 203 duilleag. Còmhdach bog.
Cruinneachadh de sgeulachdan goirid, foillsichte mar phàirt de shreath Aiteal.
Teaghlaichean – Gàidhealach, Sasannach, Spàinnteach, Basgach – is ceangal aca ri ceàrn ann am Mallorca tro làithean-saora. Chì sinn an eachdradh a’ dol air ais ‘s air adhart thar nam bliadhnachan – iad nas òige an aon chaibideil, ‘s dòcha, na bha iad nuair a chuannaic sinn iad mar-thà. Sinn a’ snìomh a-mach ‘s a-staigh à beatha Shimon is Jenny is na choinnicheas ruitha, leithid muinntir Izar – is dè a dh’fhàg ise mar a tha i? Is dè mun luchd-frithealaidh, mar a tha Lucia is Pepe? Tha am beatha fhèin acasan, is an cànanan fhèin, dìreach mar a th’ aig Garaidh à Lunnainn. Sgeulachdan domhainn, beairteach a tha ag èirigh à Cala Bendita – ‘s a bheannachdan!
Sgrìobhadair fosgailte farsaing (agus daonnan siùbhlach, ann an rosg no bàrdachd) a th’ ann am Màrtainn Mac an t-Saoir, foiseil ann an nòsan beul-aithris no sna dòighean rannsachail, ùra a tha, le chèile, gar tarraing a-staigh dhan t-saoghal a tha e a’ cruthachadh. Drùidhte san dualchas, tha e acrach airson buaidhean a latha fhèin a shoilleireachadh.
Aonghas MacNeacail
Leugh lèirmheas air an leabhar seo le Liam Alasdair Crouse
Tha an leabhar seo cuideachd ri fhaighinn ann an cruth didseatach air iBooks
Leirmheasan
Chan eil leirmheasan ann fhathast.