Fiosrachadh
Acair, 2017. 179 duilleag. Còmhdach bog.
An leabhar as ùire ann an sreath Aiteal bho Acair.
Cluinnear guth an t-seanchaidh gu làidir anns a’ chruinneachadh seo, cheart mar gum biodh sinn ga èisteachd an tac an teine. Tha Iain D. Urchardan a’ cur blas traidiseanta air sgeulachdan an latha an diugh a tha air am breacadh le caractaran agus cainnte a dh’aithnicheadh duine sam bith a thogadh ann an coimhearsnachd Ghaidhealach, ged a bhruidhneas e air cuspairean a bhuineas ri iomadh àm agus àite.
“Tha an sgìobhadh ùr seo, le sgrìobhaiche ùr, a’ togail cheistean ùra. Cò thuige a tha an sgrìobhadh seo ag iarraidh? Dè na raointean anns a bheil e ga fhaighinn fhèin? Sireadh às ùr, ann an cainnt ghleusta mhàthaireil. Gun fhios agad ach dè tha a’ dol a dh’fhosgladh romhad mar a chumas tu ort a’ leughadh. Annas dha-rìribh dhuinne an-diugh, leithid sin fhaighinn air a thairgse dhuinn. Sgrìobhadh a tha ga lorg fhèin. Saoghal suilbhir dha.”
– Fionnlagh MacLeòid
Leirmheasan
Chan eil leirmheasan ann fhathast.