Ath-Aithne

Màrtainn Mac an t-Saoir

£8.99

CLÀR, 2003. 234 duilleag. Còmhdach bog.

Seo leabhar o sgrìobhadair òg, ùr, is raon farsaing ga ghabhail a-staigh anns na h-ochd sgeulachdan deug - ann an tìm, ann an àiteachan agus ann an caitheamh-beatha.
On t-saighdear a' falbh dhan Chogadh Mhòr sa chiad sgeulachd gu saoghal nam fònaichean-laimhe anns an tè mu dheireadh, gheibhear sealladh air mòran dhòighean-beatha, sean is ùr. Co-dhiù a tha iad an Aldershot, Uibhist a Deas, Glaschu, Nicaragua no ceàrnan eile, tha pearsachan nan sgeulachdan gan sealltainn le eagnaidheachd is co-fhaireachdainn - agus le fealla-dhà cuideachd.

Seo sgrìobhadair as urrainn a bhith an dà chuid drùidhteach is eirmseach, tro chumhachd a mhic-meanmna is a chomas san dà chànain. Gille beag air cheann-gnothaich duilich, Colina a' suirghe an Glaschu, Coinneach, Maighread is Brìd a' feuchainn ri ath-aithne fhaighinn air a chèile, is mòran eile - tha an eachdraidhean fhèin aca uile, is bheir iad fìor thlachd dhan leughadair.

Tha an leabhar seo cuideachd ri fhaighinn mar leabhar-èisteachd.

"Guth deas-labhrach, deatamach, ùr a tha seo, anns a' Ghàidhlig, ann an litreachas, nar latha. Chan eil tionndadh duilleig ann nach dean tionndadh sàsachail air mac-meanmna an leughadair."
Aonghas MacNeacail

ISBN: 9781900901093 Buinidh seo ri: ,

ISBN: 9781900901093

Foillsichear: CLÀR

Ceann-latha foillseachaidh: 26 Lùnastal 2003

Ri fhaighinn

Fiosrachadh

CLÀR, 2003. 234 duilleag. Còmhdach bog.

Seo leabhar o sgrìobhadair òg, ùr, is raon farsaing ga ghabhail a-staigh anns na h-ochd sgeulachdan deug – ann an tìm, ann an àiteachan agus ann an caitheamh-beatha.
On t-saighdear a’ falbh dhan Chogadh Mhòr sa chiad sgeulachd gu saoghal nam fònaichean-laimhe anns an tè mu dheireadh, gheibhear sealladh air mòran dhòighean-beatha, sean is ùr. Co-dhiù a tha iad an Aldershot, Uibhist a Deas, Glaschu, Nicaragua no ceàrnan eile, tha pearsachan nan sgeulachdan gan sealltainn le eagnaidheachd is co-fhaireachdainn – agus le fealla-dhà cuideachd.

Seo sgrìobhadair as urrainn a bhith an dà chuid drùidhteach is eirmseach, tro chumhachd a mhic-meanmna is a chomas san dà chànain. Gille beag air cheann-gnothaich duilich, Colina a’ suirghe an Glaschu, Coinneach, Maighread is Brìd a’ feuchainn ri ath-aithne fhaighinn air a chèile, is mòran eile – tha an eachdraidhean fhèin aca uile, is bheir iad fìor thlachd dhan leughadair.

Tha an leabhar seo cuideachd ri fhaighinn mar leabhar-èisteachd.

“Guth deas-labhrach, deatamach, ùr a tha seo, anns a’ Ghàidhlig, ann an litreachas, nar latha. Chan eil tionndadh duilleig ann nach dean tionndadh sàsachail air mac-meanmna an leughadair.”
Aonghas MacNeacail

Leirmheasan

Chan eil leirmheasan ann fhathast.

Show only reviews in Gàidhlig (0)

Be the first to review “Ath-Aithne”

Your email address will not be published. Required fields are marked *