Fiosrachadh
CLÀR, 2021. 244 duilleag. Còmhdach bog.
Fhuair an leabhar seo air fhad-liosta Duais Leabhair na Gàidhealtachd 2021
Nobhail eucoir bho Iain F. MacLeòid. Nuair a gheibhear corp nighean òg air na h-Eileanan Flannach, tha e coltach gu bheil cùisean gu math dòrainneach air a bhith a’ dol air adhart.
Thèid iarraidh air D.I. Cameron rannsachadh a dhèanamh, còmhla ris am pathologist, Kate St John. A rèir coltas a’ chuirp, ‘s ann bho Hiort a thàinig an nighean. Ach tha car san sgeul. ’S e sgeulachd mu dhìomhaireachd an latha an-diugh a th’ ann, a’ figheadh a-steach beatha nan Hiortach mar a bhiodh e aig toiseach an fhicheadamh linn. Tha ceathramh nobhail Iain F. do CHLÀR a’ toirt iomadh car agus bidh i gad chumail air bhioran bho thoiseach gu deireadh.
Leirmheasan
Chan eil leirmheasan ann fhathast.