A’ Togail an t-Srubain

Calum L. MacLeòid

£9.99

Tha Daibhidh ann an staing  nuair a lorgas e corp anns an fheamhainn, corp air nach robh sgeul nuair a dhùisg Daibhidh às an laigse dhan do thuit e.

ISBN: 9781900901925

Foillsichear: CLÀR

Ceann-latha foillseachaidh: 11 Dàmhair 2017

Chan eil gin air fhàgail againn.

Fiosrachadh

Clàr, 2017. 204 duilleag.

*Air a' gheàrr-liosta airson duais Ciad Leabhar na Bliadhna 2018 bho Chomann Crann na h-Alba*

"Thill e gun cheum, gun dreuchd is gun sgillinn ruadh."

Tha Daibhidh ann an staing. Às dèidh dha beagan a chosnadh san Eilean le bhith a' togail shrùban air an Tràigh Bhàin, thèid a bheatha troimhe chèile nuair a lorgas e corp anns an fheamhainn, corp air nach robh sgeul nuair a dhùisg Daibhidh às an laigse dhan do thuit e.

Tha e air a bhuaireadh le smuaintean draghail nach fhaigh e às a cheann agus nì e oidhirp faighinn a-mach cò an neach a bha bàthte air an tràigh. Carson a tha daoine a chuala Daibhidh san taigh-sheinnse a' bruidhinn ann an dòigh cho suarach mu imrich, na 'tràillean' mar a bh' aig feadhainn orra? Carson nach do rinn na poilis barrachd gus an corp a lorg?

Ceistean, ceistean, a' cur dragh air Daibhid, ceistean mu chultar a dhùthaich fhèin, ceistean a bheir a-null thairis e ann an oidhirp fuasgladh air choreigin fhaighinn. Cuiridh a' chiad nobhail aig Calum MacLeòid - stòiridh ioma-fhillte - mòran cheistean oirnne cuideachd.

Leirmheasan

Chan eil leirmheasan ann fhathast.

Show only reviews in Gàidhlig ()

Be the first to review “A’ Togail an t-Srubain”

Your email address will not be published.