Fiosrachadh
Clàr, 2016. 134 duilleag. Còmhdach Bog.
“Nan robh thu a’ dol a sgrìobhadh gu cuideigin a bha na shaighdear sa Chiad Chogadh, dè chuireadh tu dhan litir?”
‘S e sin a chaidh a ràdh ri daoine gus am brosnachadh na litrichean san leabhar seo a sgrìobhadh. Ghabh BBC Radio nan Gàidheal ùidh sa phròiseact agus chaidh litrichean bho chuid dhen luchd-èisteachd acasan a chraoladh. Tha na clàraidhean sin fhathast rin lorg air iPlayer a’ BhBC.
Le na sgrìobhadairean – òg agus sean – gan cur fhèin ann an suidheachadh theaghlaichean a bha beò aig àm a’ chogaidh sgriosail seo, fairichear an cùram cianail a bhiodh orra mu na saighdearan. Tha gach litir sònraichte, a rèir faireachdainn an sgrìobhadair.
Tha na litrichean air fad beò le gaol agus truas agus taing…Tha eòlas air foghlam, ceistean feallsanachd, smuaintean mac-meanmnach agus ultach de ghaol agus de thruas anns an stòras a tha seo, le caochladh theamaichean a’ nochdadh thairis air na litrichean air fad.
Leirmheasan
Chan eil leirmheasan ann fhathast.