Fiosrachadh
Luath Press, 2019. 182 duilleag.
1767. Alba an dèidh Chùil Lodair agus atharrachaidhean mòra a’ dol air adhart ann an Dùn Èideann agus ann an Raineach, Siorrachd Pheairt. Tha Dùghall Bochanan, Mairead, a bhean, agus seachdnar de theaghlach a’ fuireach ann an taigh ùr ann an Ceann Loch Raineach. Dachaigh leis gach cofhurtachd agus le similear ann an stuadh an taighe. Nuair a thilleas Dùghall a Cheann Loch Raineach an dèidh crìoch a chur air obair ann an Dùn Èideann, tha a h-uile coltas ann gum bi làithean geala romhpa. Agus, bithidh, anns a’ chiad shamhradh. Ach, anns an dàrna samhradh, thig rathad ùr bhon àird an ear gu Raineach. Agus maille ris, thig rudeigin ris nach robh iad an dùil, rudeigin a dh’atharraicheas am beatha gu bràth.
’S e Mairead Bhochanan a tha a’ toirt sùil air ais air beatha an duine aice – Dùghall Bochanan, bàrd, tidsear agus eadar-theangaiche. Chuir e gu mòr ri tionndadh an Tiomnadh Nuaidh bhon Ghreugais gu Gàidhlig na h-Alba. Ach, aig deireadh an latha, ’s e sgeul Mairead cho math ri sgeul Dhùghaill a tha ann.
Leirmheasan
Chan eil leirmheasan ann fhathast.