An Uinneag Don Iar

Mìcheal Klevenhaus

£7.99

Sandstone Press, 2016. 90 duilleag. Còmhdach bog.

Cha robh dòigh às ann dhaibh ach tron uinneig, agus b' e sin an cothrom mu dheireadh aig an teaghlach Schmidt mus rachadh am balla a thogail, a' sgaradh taobh Sear Bherlin bhon taobh Siar. Agus fada, fada don iar, tha cuimhne fhathast aig Màiri air an latha ud, air na dh'fhàg i às a dèidh agus air na rinn i airson faighinn air falbh, ach chan eil Catrìona, a nighean, fhathast eòlach air fìor eachdraidh a màthar.

Tha Mìcheal Klevenhaus na dheagh sgeulaiche a bhios a' snìomh an fhiosrachaidh tro na duilleagan ann an dòigh a chumas an stòiridh a' dol gu siùbhlach. Tha na caractaran domhainn, iomadh-fhillte, fìor agus air an deagh leasachadh a dh'aindeoin giorrad nan caibideilean agus an leabhair. Tha an t-ùghdar cuideachd ag obair air cuspairean dham bi co-fhaireachdainn aig an leughadair, mar sgaradh eadar daoine, an dà chuid gu corporra agus ann an sgaradh inntinn far nach urrainn do dhaoine bruidhinn mu rudan a tha cudromach eatarra. 'S e na rudan air nach robhar a' bruidhinn agus na gnìomhan nach robh air an dèanamh tro na bliadhnaichean a tha a' fàgail na sgeulachd làidir 's sinn a' tuigsinn an aithreachais a th' ann a thaobh beatha eadar-dhealaichte nach robh ann agus na daoine a tha a' fulang air sgàth sin.
Màiri Rhind (lèirmheas ann an STEALL 01 dd.95-97)

Leugh lèirmheasan air GoodReads agus le Daibhidh Eyre

ISBN: 2281 Seòrsa:

ISBN: 9781910124864

Foillsichear: Sandstone Press

Ceann-latha foillseachaidh: 06 Faoilleach 2016

Ri fhaighinn

Fiosrachadh

Sandstone Press, 2016. 90 duilleag. Còmhdach bog.

Cha robh dòigh às ann dhaibh ach tron uinneig, agus b’ e sin an cothrom mu dheireadh aig an teaghlach Schmidt mus rachadh am balla a thogail, a’ sgaradh taobh Sear Bherlin bhon taobh Siar. Agus fada, fada don iar, tha cuimhne fhathast aig Màiri air an latha ud, air na dh’fhàg i às a dèidh agus air na rinn i airson faighinn air falbh, ach chan eil Catrìona, a nighean, fhathast eòlach air fìor eachdraidh a màthar.

Tha Mìcheal Klevenhaus na dheagh sgeulaiche a bhios a’ snìomh an fhiosrachaidh tro na duilleagan ann an dòigh a chumas an stòiridh a’ dol gu siùbhlach. Tha na caractaran domhainn, iomadh-fhillte, fìor agus air an deagh leasachadh a dh’aindeoin giorrad nan caibideilean agus an leabhair. Tha an t-ùghdar cuideachd ag obair air cuspairean dham bi co-fhaireachdainn aig an leughadair, mar sgaradh eadar daoine, an dà chuid gu corporra agus ann an sgaradh inntinn far nach urrainn do dhaoine bruidhinn mu rudan a tha cudromach eatarra. ‘S e na rudan air nach robhar a’ bruidhinn agus na gnìomhan nach robh air an dèanamh tro na bliadhnaichean a tha a’ fàgail na sgeulachd làidir ‘s sinn a’ tuigsinn an aithreachais a th’ ann a thaobh beatha eadar-dhealaichte nach robh ann agus na daoine a tha a’ fulang air sgàth sin.
Màiri Rhind (lèirmheas ann an STEALL 01 dd.95-97)

Leugh lèirmheasan air GoodReads agus le Daibhidh Eyre

Leirmheasan

Chan eil leirmheasan ann fhathast.

Show only reviews in Gàidhlig ()

Be the first to review “An Uinneag Don Iar”

Your email address will not be published. Required fields are marked *